Tha Ciaradh air an Fheasgar

Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) agus donaidh dòmhnallach (Donaidh Large).

This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) and donaidh dòmhnallach (Donaidh Large).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha ciaradh air an fheasgar, 's tha ghrian a' dol mu thàmh
A' cromadh bho a h-àirde 's a' cur a gathan thar an t-sàil;
Tha 'n t-uisge fèin gun luaisgean air, a' gluasad rèidh gu tràigh
'S na faoileagan is sgriach aca a' sgiathalaich mu bhàrr.

Chluinn mi glugraich uisg' an uillt an glumaig anns a' ghleann,
Is eun ghobhraich na h-oidhch' 's an treun dha freagradh thall;
Chluinn mi osnaich sgìth agus cnàmh an cìr nam bò
O sealladh àillidh àghmhor Chèit', seo nàdar fèin na glòir.

Chì mi toit nan teine mònach dol còmhnard liath-ghorm mall
Nan camacanaich gun chòmhstri co-mheasg ri neòil nam beann;
Chì mi caoraich len cuid òg-uan 'n cois airson na h-oidhche
Gach eun is ainmhidh air an tàladh le sàmhchaireachd a' ghlinn.

Siud an gleann a tha leam àghmhor, siud a' gheàrraidh sa bheil m' ùidh
Gheibh mi carthannas is nàbachd bho chàirdean mo rùin;
Gheibh mi tàmh air leabaidh luachrach, falbhaidh uallach dhìom is sgìths
B' annsa leamsa àirigh mòintich na bhith 'n lùchairt an rìgh.

Seinneadairean / Performers

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhàthair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. ...

Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.