Tha An Gràdh Seo Cho Làidir

Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona Mhoireasdan agus air a sheinn le: Coinneach M. MacLeòid.

This is a song written by: Cairistìona Mhoireasdan and sung by: Coinneach M. MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha an gràdh seo cho làidir, bàs chan fhaigh làmh air no buaidh
Na tuiltean cha bhàth e, oir 's cuan e tha lànachd bith-bhuan;
'S an dream a fhuair pàirt dheth, cha bhith iad dheth sàsaicht' nan cuairt;
'S ann a' tòiseachadh tha e, nuair a ruigeas iad Pàrras le buaidh.

Tha an gràdh seo cho dìomhair 's nach gabh e le briathran a luaidh
Oir bha e aig Dia mun robh talamh no grian ann, no cuan;
'S bho rùnaich an Trianaid gun tigeadh mac sìorraidh a-nuas
A phàigheadh na fiachan, 's a ghabhadh air ìomhaigh a shluaigh.

'S e gràdh e nach tòimhsear, chaidh e thar gach eòlas gu lèir.
Rinneadh iomradh le Pòl air, le Peadar, 's le Eòin mar an ceudn';
Is fhuair mnathan còir air, chuir Moir' e gu sònraicht' an cèill.
'S e thug Rut is Naomi a-mach à tìr Mhòab le chèil'.

An eaglais a fhuair thu 's a' chùmhnanta shuas mun do dh'fhàg
Chùm thu do shùil oirr' a dh'aindeoin eas-ùmhlachd dha d' àithn';
'S tu ag innse gu soilleir dhith oighreachd is saibhreas do ghràis
Bha i agad cho mùirneach 's gun deach thu don ùir air a sgàth.

Tha 'n eaglais 'san fhàsach a' gearain gach là air a truaigh',
'S i beò air a' mhàna ga thional gach tràth thig e nuas.
Ged tha truaillidheachd nàdair, peacadh is bàs rithe fuaight',
Tha thu 'g ràdh, "Tha i àillidh", 's tu 'g amharc oirr' 'n sgàthan an uain.

Ach caidlidh air uairibh is fàsaidh i suaimhneach is mall
Ach dùisgidh tu suas i is thèid i air ghluasad air ball;
Dol man cuairt as na sràidean a' faighneachd do phàirt dhan bhios ann
Am faca sibh 'n àillidheachd cuspair mo ghràidh-sa th' air chall?

Seinneadairean / Performers

Coinneach M. MacLeòid

Coinneach M. MacLeòid

Rugadh Coinneach M. MacLeòid ann am Pabail Iarach, anns an Rubha, Leòdhas, ann an 1918. B' e athair Tormod 'an Alasdair à Pabail Iarach, agus ...

Fiosrachadh air Coinneach M. MacLeòid / Learn more about Coinneach M. MacLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.