Teann A-nall

Òran air a sgrìobhadh le: Gilleasbaig MacDhòmhnaill agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig na Luirg agus còisir (Inbhich).

This is a song written by: Gilleasbaig MacDhòmhnaill and sung by: Còisir Ghàidhlig na Luirg and còisir (Inbhich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Is bheir mi sgrìob do dh'Uibhist leat.

Tha am feasgar ciùin 's na siantan blàth,
Tha ghrian san iar mar mheall den òr,
Tha an cuan mar sgàthan gorm gun sgleò,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.

Tha sìth air aghaidh beinn is raon,
Tha fàileadh cùbhraidh thar an fhraoich,
'S tha neòinean bhòidheach fàs gach taobh,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.

Na h-eòin a' seinn air bhàrr nan geug
'S an seillean tional mil dha fhèin
Na h-uain a' mireag-ruith 's a leum
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.

Tha 'n iarmailt gorm gun lorg air neul
An sruthan torghan nuas bhon t-sliabh
A' chuthag ghlas 's gùg-gùg na beul
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.

Tha 'n crodh a' geumnaich anns a' chrò
A' bhanarach 's a cuach na dòrn
A' seinn a duan 's i bleoghann bhò
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.

Bu mhòr mo mhiann bhith 'n siud san àm,
Is m' inntinn fad' bho thìr nan Gall,
Ag èisteachd sgeulachd, òran 's rann,
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.

Tha pòr na machrach làn de bhiadh
Tha breac air linne 's lach air sgiath
Tha iasg am pailteas sa Chuan Shiar
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.

Is dìomhain dhuinne bhith cho faoin
A' siubhal saoghail ruith gach maoin,
Tha beatha is slàinte an tìr mo ghaoil,
'S gun tèid mi thàmh do dh'Uibhist leat.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig na Luirg

Chaidh Còisir Ghàidhlig na Luirg a stèidheachadh ann an 1976 le Dòmhnall Dòmhnallach an urra ri taobh na Gàidhlig agus le Seòras Peat a' stiùireadh ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig na Luirg / Learn more about Còisir Ghàidhlig na Luirg

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.