Tàladh Phabail

Òran air a sgrìobhadh le: seumas macThòmais agus air a sheinn le: seinn aon neach (Clann-nighean).

This is a song written by: seumas macThòmais and sung by: seinn aon neach (Clann-nighean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Caidil gu sèimh a chagarain ghaolaich,
Caidil gu sèimh, o caidil gu latha;
Borbhan a' ghlinne an iomall an aonaich
Cagarsaich daonnan, caidil a ghràidh.

Gorm-shùilean meallach fo rosgan a' dùnadh,
Caidil 's na dùisg gu glasadh nan tràth,
Ainglean nam Flaitheas ri faire le dùrachd,
Chagarain ghaolaich caidil an-dràst'.

Càit' am bi d' imeachd, o ciod tha san rùn dhut?
Cuin' a bheir ùine follais an dàn?
Coma leat, fuirich is dùin-sa do shùilean,
M' ulaidh, mo rùinean milis gu bràth.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.