Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain, Ceit NicDhòmhnaill, Mairead Challan agus Màiri Nic a' Ghobhainn.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona NicGill-Eain, Ceit NicDhòmhnaill, Mairead Challan and Màiri Nic a' Ghobhainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
A' ghrian 's i 'g èirigh
O nàili bhò hò
A' ghrian 's i 'g èirigh
O nàili bho hò hì
'S i gun smal oirre
O nàili bhò hò
'S i gun smal oirre
O nàili bho hò hì
Na air na reultan
O nàili bhò hò

Nuair thèid mac mo righ-sa
Fo làn èideadh
Gu robh neart na cruinne leat
'S neart na grèine
Neart an tairbh dhuibh
'S àirde leumas.
O nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
Dh'fhaighneachd a' bhean ò ud
Dhan mhnaoi eile ò
Na dè 'n long ud
Staigh san eithire
Gu robh don t-fhaighneachd
Tha long Dhòmhnaill
Trì chruinn sheilich innt'
Gu bheil stiùir òir oirr'
Gu bheil tobar fìon innt'
Agus tobar fìor uisg
Shìos san deireadh innt'
O nàili bho hò hì
Nàili bho hò hì
Nàil leams gura nàili bho hò
Nàil leams gur e nàili
Nàili bho hò hì.

Tuilleadh Fiosrachaidh - Dòmhnall Gorm

Tha Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm gar toirt air ais, a' dol air ais 's dòcha cho fada ri deireadh an t-siathamh linn deug. Bha barrachd air aon cheann-cinnidh aig Dòmhnallaich Slèibhte air an robh an t-ainm Dòmhnall Gorm agus chan eil fhios le cinnt cò fear aca dhan d' rinneadh an t-òran. Chaochail aon aca ann an 1617.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh anns an leabhar Bàrdachd Ghàidhlig, deasaichte le Uilleam MacBhàtair (1918) agus ann an Songs of Gaelic Scotland deasaichte le Anna Latharna NicGillìosa (Birlinn, 2005).

Seinneadairean / Performers

Màiri Nic a' Ghobhainn

Màiri Nic a' Ghobhainn

Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...

Fiosrachadh air Màiri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Màiri Nic a' Ghobhainn

Mairead Challan

Rugadh Mairead Challan ann an 1967, nighean le Euna NicAmhlaigh, Euna Westford mar a b' fheàrr a dh'aithnichear i an Uibhist a Tuath, agus Iain ...

Fiosrachadh air Mairead Challan / Learn more about Mairead Challan

Ceit NicDhòmhnaill

'S iomadh duine, seinneadairean is sgoilearan gu h-àraidh, a tha gu mòr an comain Ceit NicDhòmhnaill, Bean Eardsaidh Raghnaill, à Gearraidh Sheillidh an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Ceit NicDhòmhnaill / Learn more about Ceit NicDhòmhnaill

Catrìona NicGill-Eain

Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an àm. Chuir ...

Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-Eain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.