Suas Leis a' Ghàidhlig

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Mac Ille Ruaidh agus air a sheinn le: còisirean aig a' mhòd naiseanta (1961) agus na còisirean.

This is a song written by: Donnchadh Mac Ille Ruaidh and sung by: còisirean aig a' mhòd naiseanta (1961) and na còisirean.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Togaibh i, togaibh i, cànan ar dùthcha,
Togaibh a suas i gu h-inbhe ro-chliùitich;
Togaibh gu daingeann i 's bithibh rith' bàidheil,
Hi ho rò, togaibh i, suas leis a' Ghàidhlig!

'S i cànan na h-òige; 's i cànain na h-aois;
B' i cànan ar sinnsir; b' i cànan an gaoil;
Ged tha i nis aost', tha i reachdmhor is treun;
Cha do chaill i a clì 's cha do strìochd i fo bheum.

Tha mòr-shruth na Beurla a' bagradh gu cruaidh
Ar cànain 's ar dùthchas a shlugadh a suas;
Ach seasaibh gu dìleas ri cànain ur gaoil,
'S chan fhaigh i am bàs gu ruig deireadh an t-saoghail.

A dh'aindeoin gach ionnsaigh a thugadh le nàmh
A chòirichean prìseil a spùinneadh on Ghàidheal,
Cha lasaich e chaoidh gus am faigh e a' bhuaidh
Thar gach mì-rùin is eucoir a dh'fhaodas a ruaig.

O togaibh ur guth às leth cànan nam beann,
Is cluinnteadh a fuaim air feadh mhonadh is ghleann;
Àrd-sheinnibh a cliù ann am bàrdachd 's an ceòl,
'S na leigibh le coimhich a masladh rar beò.

A Chlanna nan Gàidheal, bithibh seasmhach is dlùth
Ri guaillibh a chèile a' cosnadh gach cliù;
O seasaibh gu gaisgeil ri cànain ur gràidh
'S na trèigibh a' Ghàidhlig a-nis no gu bràth.

O togaibh a bratach gu h-àrd anns an tìr,
'S biodh litrichean maireannach sgrìobht' air gach cridh',
Cha trèig sinn a' Ghàidhlig, 's cha chaill i an deò;
Cànain mhùirneach ar dùthcha, cha trèig sinn rar beò.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.