Soraidh Bhuam on an Eilean

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacDhòmhnaill agus air a sheinn le: Ailean Dòmhnallach.

This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill and sung by: Ailean Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Soraidh bhuam bhon an Eilean gu fearann an òir,
Chun an fhiùran chaidh thairis ris an can iad MacLeòid;
Guidheam slàn bhith gad leantainn, saoghal fada dhut beò,
'S d' fhaicinn fhathast aig baile, ann an Eilean a' Cheò.

O Thormoid, tha d' ionndrainn tighinn ùr dhomh gach uair
Is thusa sìor fhalbh uain a-null thar a' chuain
Nuair a chì mi do ghàrradh is na dh'fhàs ann mun cuairt;
Gun fhios a faic sinn thu tuilleadh anns a' ghàrradh ud shuas.

Chan fhaic sinn thu tuilleadh cho uallach 's a b' àbhaist
Le d' bhata nad làimh, 's do chù dlùth ri do shàil;
A' sgiùrsadh nan caorach suas an Ceann Àrd,
Tha thu an-diugh air a' chuan 'sìor dhol bhuainne gach là.

'S e am bàs a nì sgaradh 's chan e 'n dealachadh tràth,
'S e sin a thug thu thairis, nach do dh'fhan thu sa Phàirc';
'S e Anna bhith 'n Trumpan, 's an anart a' cnàmh,
O nam bu bheò i air thalamh, cha b' e Astràilia d' àit'.

'S bha do choibhneas dhaibh taitneach, ann an gliocas is stuama
Dh'fhan thu riamh faisg oirr, chuir thu 'n ceap oirr' san uaigh;
Ghabh thu 'm bàta Southampton, 's chaidh i mach a' Mhuir Ruadh
Far an deachaidh carbadan Phàro a bhàthadh sa chuan.

Soraidh ùr uam on Eilean gu fearann an òir,
Don an fhiùran chaidh thairis ris an canar MacLeòid;
Bloighe slàint' bhith gad leantainn, saoghal fada dhut beò,
'S d' fhaicinn fhathast aig baile, ann an Eilean a' Cheò.

Seinneadairean / The Performers

Ailean Dòmhnallach

Ailean Dòmhnallach

Rugadh Ailean Dòmhnallach ann a Ròthaisgil air iomall Dhùn Bheagain ann a 1933. Ghluais iad an uair sin a-steach a Dhùn Bheagain seach gu robh ...

Fiosrachadh air Ailean Dòmhnallach / Learn more about Ailean Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.