Sìne Chaluim Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: coinneach macCoinnich agus alasdair barnett.

This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: coinneach macCoinnich and alasdair barnett.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha 'n rìbhinn og as àille cruth
Sa bhaile ud thall a' tàmh;
Tha làmh 's a deud cho geal 's an gruth,
'S a gruaidh mar ròs fo bhlàth;
Bho shàil a buinn gu bàrr a cinn,
Gu fallain, dìreach, tlàth,
Mar lilidh fhìnealt', mhaiseach, mhìn,
Tha Sine Chaluim Bhàin.

Biodh càch an geall 's an gaol air cuid,
Aig am bi crodh is bàrr,
Chan iarr iad buaidh as fheàrr na siud,
Ma gheibh iad saibhlean làn;
Ach chan e cuid chuir mise 'm bruid,
'S a thug air falbh mo chàil,
Ach mar tha m' inntinn trom fo chìs
Aig Sine Chaluim Bhàin.

Bu ghrinn leam luinneag bhinn a guth
Air madainn chiùin sa Mhàigh;
Tha com cho geal ri eal' an t-sruth,
'S i cuireideach na gnàths;
Tha sùilean caomh, 's a gàire caoin,
Gam fhàgail faoin gun stàth;
Chan òr no nì a leòn mo chridhe,
Ach Sine Chaluim Bhàin.

Ach shuidh mi raoir car fada muigh,
Ma shuidh cha b' ann nam thàmh;
Bha agam clàr is peann is dubh,
'S mi cur ri dèanamh dàin;
Na h-eòin lem puirt gan cluich gun chruit
Mu uchdanan nan àrd;
'S sheinn mise duanag mhilis bhinn
Do Shìne Chaluim Bhàin.

'S e thuirt mo mhàthair rium an-diugh
Gun d' fhalbh mo chruth 's mo bhlàth;
Gum feumainn tòiseachadh air fìon,
Is mìos thoirt aig an t-sàil;
Ach 's eòl dhomh rud cho maith ri siud,
'S a thigeadh rium na b' fheàrr,
Nam faighinn bothan beag dhomh fhìn
Is Sine Chaluim Bhàin.

Ach 's eagal leam gu bheil mi clì
'S gun deachaidh m' inntinn ceàrr;
Chan fhaigh mi fois air muir no tìr,
Chan eil mi tinn no slàn;
'S chan eil ach dithis anns an sgìre
A bheir dhomh sìth gu bràth;
'S e 'n dara h-aon dhiubh sin a' chill,
No Sine Chaluim Bhàin.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.