Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Iain Mac a' Ghobhainn (Bàrd Iarsiadair)

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Seonaidh Phàdraig no Bàrd Iarsiadair, ann an Iarsiadair ann an Ùige Leòdhais ann an ...

Iain MacCumhais

Rugadh Iain MacCumhais, Seonaidh Dhòmhnaill 'icCumhais, ann an Leac an Lì ann am Bàigh na Hearadh, air 4 Dùbhlachd, 1894. B' i Màiri Anna Mhoireasdan, ...

Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire)

Rinneadh an Cumha seo do Shìm Òg Dòmhnallach, Mac Mhic Dhùghaill Mhòrair a chaidh a mharbhadh sa bhliadhna 1812 le urchair thubaisteach bho ghunna ...

Iain MacAoidh

Tha ceithir dàin spioradail le Iain MacAoidh rin lorg anns an leabhar Metrical Reliques of "The Men" in the Highlands, Or, Sacred Poetry of the ...

Iain MacCalum

Iain MacCalum

Rugadh Iain MacCalum am Baile Deòraidh, ann an Sgìre Mhuc-carna, ann an 1851. Bha e de shliochd Chloinn MhicCaluim Ghlinn Èite, agus bha a mhàthair ...

Iain MacCodrum

A rèir an t-Urr. Uilleam MacMhathain thòisich Iain MacCodrum air Òran na h-Aoise a dhèanamh "'s e na sheasamh air an tobhtaidh, a' cur mullach ...

Iain MacCuithein (no Dòmhnallach)

Tha e coltach gum biodh Clann 'ic Cuithein air an ainmeachadh ann am Beurla mar Dhòmhnallaich aig amannan, agus 's dòcha gur ann ri linn ...

Iain MacDhòmhnaill

Rinneadh Soraidh Bhuam on an Eilean le Iain MacDhòmhnaill do nàbaidh dha, Tormod MacLeòid, a bh' air a dhol a-null a ...

Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom)

'S e Iain 'Lom' Dòmhnallach, Iain Manntach mar a theireadh cuid ris, aon de phrìomh bhàird mhòra na seachdamh linn deug. A dh'aindeoin sin, chan ...

Iain MacDhùghaill

A rèir an leabhar Urquhart and Glenmoriston: Olden Times in a Highland Parish le Uilleam MacAoidh (Inbhir Nis, 1893), 's e Bràigh Rùsgaich an aon ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3
  4. 4

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.