Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Iain Caimbeul (Bàrd na Leideig)

Rugadh Iain Caimbeul san Òban air 22 Sultain, 1823, ach ghluais an teaghlach gu ruige Meudarloch nuair a bha e mu dhà bhliadhna a dh'aois. ...

Iain Caimbeul

Rugadh Iain Caimbeul, Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, anns an Leth Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas air 13 Cèitean, 1855, fear de theaghlach ...

Iain Camshron

Rugadh Iain Camshron, Bàrd Phàislig mar a theirte ris, ann an Eilean Luing sa bhliadhna 1865 ach ghluais an teaghlach gu Baile Chaolais nuair a ...

Iain Camshron, Baile Chaolais

A rèir Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich, fear-deasachaidh An t-Òranaiche, rinn Iain Camshron à Baile Chaolais Chì mi na Mòr-bheanna air a' chiad latha den Fhoghar ...

Iain Dòmhnallach, Lios Mòr

Rugadh Iain Dòmhnallach, Seonaidh Mòr, ann am Muile sa bhliadhna 1883, ogha don bhàrd Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain). Ghluais an teaghlach, ...

Iain Dòmhnallach

Ann an òraid a thug e do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air 26 Samhain, 1896, dh'innis am bàrd ainmeil Sgitheanach Niall MacLeòid gur e Iain ...

Iain Dubh Geàrr agus Iseabail NicAnndra

Bha fear de Chloinn Ghriogair, Iain Dubh Geàrr, à Ruadh-shruth ann an Gleann Lìobhann aig fèill an Cill Fhinn aig deireadh na siathamh linn deug ...

Iain Eàirdsidh MacAsgaill

Rugadh Iain Eàirdsidh MacAsgaill air 19 Gearran, 1898. Bha e air ainmeachadh air bràthair a sheanar agus air fear eile a bha càirdeach dhaibh a ...

Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Chaluim Ruaidh)

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Chaluim Ruaidh, ann am Bòstadh, ann am Beàrnaraigh Leòdhais air 26 Dùbhlachd, ...

Iain Mac a' Ghobhainn ('an Gobha)

Chaidh Fiullaigean a dhèanamh mu 1875 le Iain Mac a' Ghobhainn, 'an Gobha, à Iarsiadair ann an Leòdhas. Rinn e an t-òran dha phiuthar-cèile, Mòr ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3
  4. 4

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.