Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Catrìona NicDhòmhnaill

Catrìona NicDhòmhnaill

Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd, 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theàrlaich, ...

Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Ceit NicLeòid

A rèir an fhiosrachaidh a tha anns an leabhar Beyond the Hebrides / Fad air Falbh às Innse Gall, cruinneachadh do dh'òrain à Ameireagaidh a ...

Ceitidh Mhoireasdan

Rugadh Ceitidh Mhoireasdan, Ceitidh Dhòmhnaill Dhonnchaidh, ann am Malacleit, ann an Uibhist a Tuath, 26 Cèitean, 1946. B' i Ciorstaidh Anna NicFhionghain, Ciorstaidh Anna Aonghais ...

Cesáreo Gabaráin

Rugadh Cesáreo Gabaráin ann an Hernani, baile ann an dùthaich nam Bascach san Spàinn air 30 An Giblean, 1936. Fhuair e foghlam gu bhith na ...

Charitie Bancroft

Rugadh Charitie Bancroft ann an 1841 am Bloomfield, am Baile Àtha Cliath an Èirinn. B' i an ceathramh leanabh a bh' aig an t-Urramach George ...

Ciorstaidh NicAoidh

Rugadh Ciorstaidh Nic a' Phì ann am Baile Gharabhaidh as an Ìochdar an Uibhist a Deas ann an 1914. Bha ceathrar san teaghlach, i fhèin, ...

Coinneach MacCoinnich

B' e Coinneach MacCoinnich, Fear Shrath na Sealga, ann an sgìre Innis an Iasgaich, Taobh Siar Rois, deas air an Teallach, a rinn an t-òran ...

Coinneach MacÌomhair (Coinneach Ùr)

Chaidh Zulu Dhòmhnaill Ruaidh a sgrìobhadh le Coinneach MacÌomhair, Coinneach Aonghais Òig, a bha a' fuireach aig 18 Breascleit, Leòdhas. Duine socair, sàmhach a bh' ...

Coinneach MacLeòid (Red)

Rugadh Coinneach MacLeòid, Coinneach Ruadh Choinnich Ruaidh, air an robh am far-ainm Red, air 13 Dàmhair, 1899 ann an Seisiadar an Rubha, ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.