Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain

B' e sin an t-Urramach Donnchadh MacIllEathain a bha na mhinisteir san Eaglais Shaor an Gleann Urchaidh agus a dh'fhoillsich an leabhar Laoidhean agus Dàin ...

An t-Urr. Eàirdsidh Dòmhnallach

B' ann à Bail' a' Phuill an Tiriodh a bha an t-Urramach Eàirdsidh Dòmhnallach, Eàirdsidh Ailein. Rugadh e sa bhliadhna ...

An t-Urr. Iain M. Mac a' Ghobhainn

Ged a rugadh an t-Urramach Iain M. Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann a' Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach ...

An t-Urr. Iain MacLeòid

An t-Urr. Iain MacLeòid

Air 14 Faoilleach 1918, rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a ...

An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne

An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne

Buinidh an t-Urramach Iain MacLeòid don teaghlach ainmeil a thàinig bho Dhòmhnall MacLeòid aig an robh taca Shuardail faisg air Dùn Bheagain ann am meadhan ...

An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn

Rugadh an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn, Bàrd Liùrboist nan Loch, Leòdhas, ann an 1880. Bha e na mhaighstir-sgoile mus robh e na mhinisteir, a' ...

An t-Urr. Pàdraig Grannd

Air prògram Gàidhlig a' BhBC sa Mhàrt 1966, thuirt an t-Urr. Èideard G. Caimbeul, a bha aig an àm ann am Bellshill an Siorrachd Lannraig, ...

An t-Urr. Seòras L. Moireach

Rugadh an t-Urramach Seòras L. Moireach, Seòras Dhòmhnaill Sheoc, aig 24 Dail bho Dheas ann an sgìre Nis air 24 Màrt, ...

An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)

An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)

Bhuineadh an t-Urramach Tormod MacLeòid do theaghlach ainmeil as a' Mhorbhairne. Thàinig iad bho fhear, Dòmhnall MacLeòid, aig an robh taca Shuardail faisg air Dùn ...

Anna NicÀidh

Chante 'Òran Bean Dhòmhnaill Sheumais' ris an t-òran Ille Dhuinn on Dh'fhàg Thu Mise an Uibhist, agus b' ise Anna NicLeòid às a' Bhuaile Dhubh ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3
  4. 4

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.