Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Dolaidh Moireach

Rugadh Dòmhnall Moireach, Dolaidh Chalum Mhurchaidh Ruaidh à Dail bho Dheas ann an Nis, Leòdhas san Dàmhair 1929. Bha athair, Calum bho àireamh 14 Dail ...

Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich

Chaidh an t-òran 'S Muladach mi 'n-diugh 's mi 'g Èirigh a chumail air chuimhne le Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich à Hearbusta, aon de ...

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shàim, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mànais ann am Bàigh na Hearadh, air ...

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Rugadh Dòmhnall "Ruadh" Dòmhnallach ann an Inbhir Nis air 25 Sultain, 1922. B' e am fear bu shine den teaghlach aig Coinneamh Dòmhnallach agus Barabal ...

Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil

Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil

Rugadh Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil, Dòmhnall Eàirdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a ...

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...

Dòmhnall Iain MacDiarmaid

Ann am prògram a rinn e air Òrain à Ceap Breatainn thuirt Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain mu Dòmhnall Iain ...

Dòmhnall Iain MacIllEathain

Dòmhnall Iain MacIllEathain

Rugadh Dòmhnall Iain MacIllEathain, Dòmhnall Iain Sheonaidh Aonghais ann am Beàrnaraigh na Hearadh, air 9 Sultain, 1918, aon de na gillean aig Mòr Alasdair NicPhilip ...

Dòmhnall MacAoidh

Dòmhnall MacAoidh

Rugadh Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Thormoid Bhàin ann an Àird a' Mhachaire, anns an Ìochdar air 17 Cèitean, 1893. B' e Tormod mac Aonghais 'ic Dhonnchaidh ...

Dòmhnall MacAonghais

Dòmhnall MacAonghais

Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. ...

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.