Salm 31

Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: ceathrar-cheòl còisir ghàidhlig ìleach ghlaschu.

This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: ceathrar-cheòl còisir ghàidhlig ìleach ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Asadsa, Dhè, nì mise bun;
nàir' orm na leig am feasd:
Dèan fuasgladh dhomh ad ionracas,
o thrioblaid is o cheist.

Do chluas am ionnsaigh crom a-nuas,
is furtaich orm gu dian:
Ad charraig dhaingeann bi-sa dhomh,
taigh-tèarmainn chum mo dhìon.

Oir 's tu as carraig dhìleas dhomh
's mo dhaingneach làidir treun,
Is uime sin, sgàth d' ainme, Dhè,
treòraich, is stiùir mo cheum.

Saor as an rib a dh'fhalaich iad
buin mise mach, a Dhè:
Airson gur tus' an tì a-mhàin
as neart, 's as treòir dhomh fhèin.

Ad làimh-sa mhàin, a Dhia nan dùl,
mo spiorad tiomnam suas:
A Dhia na fìrinn, is mo Thriath,
's tu dh'fhuasgail air mo chruas.

Is fuath leam iad a bheir fa-near
na breugan dìomhaineach:
Ach dòchas ann an Dia nan gràs
chuir mi gu muinghinneach.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.