Salm 23

Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus còisir ghaidhlig Ìleach ghlaschu.

This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and còisir ghaidhlig Ìleach ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
Bheir e fa-near gun laighinn sìos
air cluainean glas' le sìth:

Is fòs ri taobh nan aibhnichean
thèid seachad sìos gu mall,
A ta e ga mo threòrachadh,
gu mìn rèidh anns gach ball.

Tha 'g aiseag m' anam dhomh air ais:
's a' treòrachadh mo cheum
Air slighean glan' na fìreantachd,
air sgàth dheagh ainme fhèin.

Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
ghlinn dorcha sgàil' a' bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
chan eagal leam 's cha chàs;

Airson gu bheil thu leam a-ghnàth,
do lorg, 's do bhata treun,
Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd
is fuasglaidh dhomh am fheum.

Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh:
le ola dh'ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
aig meud an làin a th' ann.

Ach leanaidh math is tròcair rium,
an cian a bhios mi beò:
Is còmhnaicheam an àros Dhè,
ri fad mo rè 's mo lò.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.