Salm 133

Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Calum Màrtainn.

This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Calum Màrtainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O feuch, cia mheud am math a-nis,
cia mheud an tlachd faraon,
Bràithrean a bhith nan còmhnaidh ghnàth
an sìth 's an ceangal caoin.

Mar ola phrìseil air a' cheann,
ruith air an fheusaig sìos,
Air feusaig Aaroin, agus shruth
gu iomall 'aodaich rìs.

Mar dhealt air Hermon, 's mar an drùchd
air slèibhtean Shioin shuas;
'N sin dh'òrdaich Dia am beannachadh
a' bheatha shìorraidh bhuan.

Seinneadairean / Performers

Calum Màrtainn

Calum Màrtainn

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. ...

Fiosrachadh air Calum Màrtainn / Learn more about Calum Màrtainn

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.