Salm 118 (O Molaibh Dia Oir Tha E Math)

Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais agus Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran).

This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Màiri NicAonghais and Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran).

Facail an Òrain / Song Lyrics

O molaibh Dia oir tha e math
Sìor mhairidh tròcair Dhè
Abradh Clann Israel a-nis
Gur buan a ghràs gach rè.

Taigh Àaroin abradh iad a-nis
Sìor mhairidh tròcair Dhè
Abradh an dream don eagal Dia
Gur buan a ghràs gach rè.

Cluinnear tuilleadh rannan anns a' chriomag bhidio -

Do chuartaich umam air gach làimh
Na dùthchannan gu lèir:
Ach sgatham agus sgriosam iad,
An ainm Iehòbhah thrèin.

Do chuartaich iad mi air gach taobh,
Chuartaich iad mise fòs;
Ach sgatham agus sgriosam iad
An ainm Iehòbhah mhòir.

Mar bheachan chuartaich iad, ach chaidh
Iad as mar theine dris;
Oir ann an ainm Iehòbhah thrèin
Nì mi gu lèir an sgrios.

Gam leagadh, theann thu orm gu dlùth;
Ach chuidich leamsa Dia.
'S e Dia mo cheòl, 's mo shlàinte fòs,
Is e mo threòir an Triath.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran)

Chante Ruaraidh Mòr nan Òran ri Ruaraidh MacLeòid na latha. Rugadh e ann an 1867 ann an Ailbhinn, an Asainte. B' e mac croitear a ...

Fiosrachadh air Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran) / Learn more about Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.