'S Mithich Dhuinn Èirigh mo Nighean Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: An Dotair Ailean Dòmhnallach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: An Dotair Ailean Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Bheir mi hò ro bha hò
'S mithich dhuinn èirigh
Mo nighean donn.

'S fheudar dhomh-sa dhol dhachaigh:
Tha mi fad' air mo chèilidh,
Mo nighean donn.

Is bheir mi m' aghaidh air Muile
Ged is duilich dhomh fheìn e,
Mo nighean donn.

Is mòr gruaman na h-iarmailt
Gaoth an iar a' cruaidh-shèideadh
Mo nighean donn.

'S tha na tonnan 's a' ghàirich
Tighinn gu tràigh le greann èitidh,
Mo nighean donn.

'S tha na craobhan mòr, meurach
Às na fhreumhaich ga reubadh,
Mo nighean donn.

Is eòin bhuchainn nan cluaintean
Leis an uabhas ga lèireadh,
Mo nighean donn.

Is eòin bheaga na coille
'N gob san doire fo sgèithidh
Mo nighean donn.

Tha na cithean trom sneachda
Dall-ghleachd anns na speuraibh,
Mo nighean donn.

Tha na h-uillt le dearg-rànaich
Sguabadh sgàirneach nan slèibhtean,
Mo nighean donn.

'S truagh mise 'n tìr Oisein
'S mi gun soistinn mu m' eudail,
Mo nighean donn.

'S nach comas dol thairis
Dh'fhios a' bhaile bheil m' èibhneas,
Mo nighean donn.

Far an d' fhàg mi mo leannan,
Maighdeann chlannach na fèile,
Mo nighean donn.

Seinneadairean / Performers

An Dotair Ailean Dòmhnallach

'S ann à Harrapul am paraiste an t-Srath san Eilean Sgitheanach a bha Ailean Dòmhnallach, Ailean Chrìsdein, mar a chante ris. Duine mòr a bha ...

Fiosrachadh air An Dotair Ailean Dòmhnallach / Learn more about An Dotair Ailean Dòmhnallach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.