'S e Siabost as Boidhche

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: iain macAoidh.

This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: iain macAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S e Siabost is bòidhche far na thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh 's na beanntan mòr mun cuairt,
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca air mòintich seinn an duan
Bidh coileach-fraoich is smeòrach ann, gum b' eòlach mis' orr' uair.

Tha gàraidhean is buailichean, bh' aig sluagh nach eil an-diugh beò
A-nis nan tulaich uaine, air an cuartachadh le feòir;
Fo iomall na Slaig Luaraich, bha mi 'm bhuachaill' ri crodh mòr,
Measg ghillean agus ghruagaichean an uair a bha mi òg.

'S e cuimhne 's òige th' agamsa air Leòdhas bhith làn sprèidh;
Air bhuachailleachd a b' eòlach mi, làn sòlais bha mo cheum,
Am measg nan gruagach bhòidheach, le òran aig gach tè,
Na banachaig dol gu mòintich ann, a' tarraing feòir an clèibh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.