'S e 'n Gille Dubh as Àille

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: fiona nicDhòmhnaill, gwen mulholland, jennifer pratt agus jennifer pratt.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: fiona nicDhòmhnaill, gwen mulholland, jennifer pratt and jennifer pratt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e 'n gille dubh as àille,
'S e dh'fhàg an-diugh fo phràmh mi;
On dh'fhalbh e bhuam air uchd a' chuain
Le luingeis luath nan àrd chrann.
'S e 'n gille dubh as àille.

Tha mise dubhach cràiteach
'S mi bleoghan cruidh air àirigh;
Tha gàir' nan tonn gam fhàgail trom,
Cha tog mi fonn 's cha ghàir' mi.
'S e 'n gille dubh as àille.

Gur maiseach fearail àlainn
Tha fleasgach deas nam blàthshùil;
Gun siùbhlainn leis an cuan mu dheas
Ri fuachd no teas bhiodh gàbhaidh.
'S e 'n gille dubh as àille.

Gum b' òg thug mi mo làmh dha
'S rim bheò cha dèan mi àicheadh;
Mo dhùrachd bhlàth a h-uile latha
Gun stiùir e dhachaigh sàbhailt'.
'S e 'n gille dubh as àille.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.