'S e Mo Dhùthaich a Dh'fhàg Mi

Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacGillìosa agus air a sheinn le: Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh).

This is a song written by: Calum MacGillìosa and sung by: Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hill ù rò 's na hill ù ò
Hill ù rò 's na hill ù ò
Hill ù rò 's na hill ù ò
'S i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.

On a tha mi fo smuairean
Gun charaid mun cuairt domh,
'S fheudar fiachainn ri duanag
A chur suas air an àit' seo.

Ged tha 'n acarsaid ciùin leam,
'S a cuid shoithichean 's siùil riuth',
'S iomadh nì tha mi 'g ionndrainn
Ris an tionndadh mo nàdar'.

Ann an comann cha chluinn mi
Òrain bhlast' agus fuinn orr';
'S ged tric a' dol cruinn iad,
Cha bhruidhnear a' Ghàidhlig.

Ach Fraingis nach b' eòl dhomh,
'S nuair a labhras iad còmhla,
Cha tuig ach fear eòlach
Gur a còmhradh th' aig pàirt dhiubh.

Chan eil mòran gu m' mhiann ann,
Chan 'eil seòrsa de dh' eun ann,
Ach faoileagan fiadhaich
Bhios a' sgiathadh thar sàile.

Ann am madainn ghil, shamhraidh
Cha chluinn mi guth smeòraich,
No lòn dubh air bàrr mheòirean
Toirt ciùil dhuinn mar b' àbhaist.

Coille charraigeach, gun chroinn innt',
Agus roinn bhàrr a buinn dhi;
Craobh bheithe, no uinnsinn,
Cha chuimhneach leam fàs ann.

Chan eil measan air mheòirean,
No cnothan air calltainn
Mar bu lìonmhor 's na beanntan
Air am b' eòlach a bha mi.

Nuair a choinnicheas rium gruagach,
'S a labhras mi sùgrach,
'S ann a fhreagras i mùgach,
"Bon jour," no "Belle soiree".

Ged tha 'n acarsaid brèagha
Gur e dh' fhàgadh gu m' mhiann i
Bhith staigh air a fiaradh
Gu crìochan a' Bhràighe.

Nuair bhiodh trioblaid air m'inntinn,
Gur e bheireadh dhomh faighinn
Dol a Bhràighe na h-Aibhne,
'S fuireach oidhche no dhà ann.

Far am faighte na fiùrain
A bhiodh aighearach, ionnsaicht',
Treun, fuasgailteach, cliùiteach,
Fearail, flùghantach, fàilteach.

Nuair a choinnicheas rium gruagach,
'S a labhras mi sùgrach,
'S ann a fhreagras i mùgach,
"Bon jour," no "Belle soiree".

Far an lìonmhor tha gruagaichean
Sìobhalta, suairce,
Cuimir, finealt', neo-ghruamach,
Glan, cuaileanach, bàidheil.

Far an tugadh na h-ùbhlan
Air na craobhan bhith lùbadh,
'S far am fàsadh gach flùran
Bu chùbhraidh an gàrrradh.

Gu bheil iomhaigh glè uaine
Air na pàircean mu 'n cuairt ann,
Far an cuirear sìol buadhmhor,
'S far am buainear buntàta.

Nuair a chruinnicheas an òigridh
Far an d' àraicheadh òg mi,
Cuirear fidheall an òrdugh,
'S togar bròn gu ceòl gàire.

Dh' èireadh m' intinn gu sòlas,
Rachadh mì-ghean air fògradh
Nuair a chruinnicheadh an còmhlan
A sheinn òranan Gàidhlig.

Soraidh bhuamsa le suairceas
Don tìr sin, 's don t-sluagh sin,
'S e bhith fad' bhuap' san uair seo
Fo smuairean a dh' fhàg mi.

Seinneadairean / Performers

Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh)

Rugadh agus thogadh Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) an 1949 anns a' Phloc, baile a bha agus a tha fhathast gu math làidir a thaobh seinn ...

Fiosrachadh air Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh) / Learn more about Màiri Sìne Chaimbeul (NicAoidh)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.