'S e Mo Cheist An Gille Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: doreen nic a' ghobhainn, mairead ghreumach, nan nic ille dhuibh agus rut nicGriogair.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: doreen nic a' ghobhainn, mairead ghreumach, nan nic ille dhuibh and rut nicGriogair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hìthillean na hìllean ì
Hìthillean na hìllean ò
Fàillill èile 's hòro ì
Mo thruaighe mi mur faigh mi thu.

'S e mo cheist an gille donn
Thèid do chrannaibh àrd nan long
'S ged bhiodh tu gun nì gun fhonn
A d' aodach lom gun gabhainn thu.

M' eudail m' aighear is mo luaidh
Seòladh àrd air druim a' chuain
Saoilidh mi an ceann gach uair
Gun tig thu nuas gam amharc-sa.

Tha mi gun airgead is gun òr
Chan e seo a rinn mo leòn
Ach nach fhaic mi thu rim bheò
A' seòladh taobh an fhearainn seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.