'S e Ìos' na Aonar

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Chaluim Ruaidh) agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.

This is a song written by: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Chaluim Ruaidh) and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e Ìos' na aonar am Mac tha sìorraidh
Am fianais Dhè, bha e staigh gun tùs',
Mas robh neoni air a thoirt bhon àithne
Bha Ìosa 'n làthair mar mhac na chliù;
B' e Ìosa sòlas an Athair ghlòrmhor
'S e sìor chòmhnaidh am blàths a ghnùis;
Bha toil-inntinn an Athair nèamhaidh
A' laighe geur air mar thlachd a shùil.

'S e Ìos' na aonar a' phearsa shìorraidh
'S e meadhan Trianaid na sheasamh beò;
Mas robh ainglean air tighinn am fianais
Nan àireamh lìonmhor nan cruthan òg;
Cha robh tùs aige thaobh a Dhiadhachd
'S e staigh an dìomhaireachd a bha mòr;
Bha sìor ghàirdeachas air a lìonadh
'S e neo-chrìochnach a-staigh na ghlòir.

'S e Ìos' na aonar an doras gràsmhor
Tha sìor àrdaichte do gach linn;
Cha ghabh e dùnadh, tha seul an Triùir air
Mar dhoras cùmhnant fa chomhair teinn;
'S e Ìos' na aonar an doras naomha
Tha do na caoraich air là 's a dh'oidhche';
'S e Ìos' a-mhàin tha na uile lànachd
An doras teàrnaidh bhon ionad mhìllt'.

'S e Ìos' na aonar am fìor bhuachaill
A ghabh mar uallach na ghliocas fhèin
A chumhachd sìorraidh a chleachdadh gnìomhach
Air treud na Trianaid don tug e spèis;
'S e Ìos' na aonar thèid orra timcheall
'S cha tèid e iomrall, tha shealladh geur,
'S tha comharr' sìorraidh tha geàrrte dìomhair
Do shùil na Diadhachd air taghadh Dhè.

'S e Ìos' na aonar Rìgh nan Rìghrean
'S e fianais dhìleas a' chruinne-cè;
'S e 'm fìor naoidhean a bh' anns an stàball
Thug bho na h-àrdaibh mòr-fheachd nan nèamh,
Thug air na draoidhean on ear gun d' ghluais iad,
Thug air na buachaillean tighinn bhon treud;
Bha Ìos' an aonar air glùin a mhàthar
Fìor Dhia na nàdar na phearsa fèin.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha dhà de na h-òrain aig Iain Chaluim Ruaidh, 'Òran na Ciorra' agus 'Òran na Muice-mara' anns an leabhar Bàrdachd Leòdhais (Acair, 1998), agus tha taghadh de na laoidhean aige anns an leabhar A' Chulaidh as Fheàrr a tha ri fhaotainn fhathast.

Seinneadairean / Performers

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.