'S E an Tighearna Fhèin Mo Chìobair

Òran air a sgrìobhadh le: zachary boyd, an ridire uilleam mure agus francis rous agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais.

This is a song written by: zachary boyd, an ridire uilleam mure agus francis rous and sung by: Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S E 'n Tighearna fhèin mo chìobair -
Cha bhith dìth orm gu bràth;
Gu rèitich E na seòlaidean
Gam threòrachadh gu ghràs.
Gun ciùinich E na gàir-thonnan
A shàraicheadh mo chùrs',
'S an cluaintean uaine Phàrrais
Bidh gach ànradh air mo chùl.

Sèist / Chorus

'S E 'n Tighearna fhèin mo chìobair -
Cha bhith dìth orm gu bràth;
Gu rèitich E na seòlaidean
Gam threòrachadh gu ghràs.

Gu seall E sligh' na fìrinn dhomh
Nach dìobair mi rim bheò;
Gum beathaich E le ghràsan mi
'S le sàthach fhuil is fheòil;
Le thaic a bhith gam chuartachadh
Cha bhuannaich orm an nàmh,
'S tro uisge ciùin a thròcair
Nì mi seòladh le mo bhàt'.

Deasaichidh E bòrd dhomh
Fo mo chòmhair loma-làn;
Mo chupa nì E lìonadh,
Bidh gach biadh leam nas fheàrr;
'S ged bhiodh mo shiubhal ànrachdach
Tro sgàile gleann nan deòir,
Le brìgh a ghràis gum buannaich mi
Gu duais an Tìr na Glòir.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.