'S ann Leam Bu Mhiann a Dhol Dhachaigh

Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Catrìona NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Catrìona NicDhòmhnaill and sung by: Catrìona NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S ann leam bu mhiann a dhol dhachaigh null thairis gu glòir
Far am faic mi mo Shlànaigheir bha gam shireadh glè òg;
Dhan tug mi mo chridhe nuair thuig mi mo chall
'S a ghabh rium cho toileach 's gun dòchas idir dhomh ann.

Tha mi sgìth den an t-saoghal 's gach cath air gach là
Ged a tha fios a'm gu feum mi bhith sàs ann gun tàmh;
'S ann tha m' fharmad 's mo thogradh ris a' mheud 's a fhuair suas
Gun osna, gun tinneas, no sgìths riutha fuaight'.

Dè tha sa bhàs ach aiseag, turas goirid à tìm
Air bonn ann an glòir 's gu sìorraidh cha till;
Do roinne saoghalt' air dìochuimhn', ar spiorad aig fois
Cha tèid ar grian tuilleadh fodha, 's cha tèid ar coinnlear chuir às.

Cò thuigeas an t-aoibhneas tha romhainn an glòir
Air roinnean gach eagal bhon fhads bha sinn beò;
Uan Dhè gar treòrach gu do thobraichean uisg'
A' siabadh ar deòir uainn 's a' tiormach ar ruisg.

Ar grian gun dol fodha a' là no dh'oidhch'
Cha loisg i aon neach dhinn, 's th' ann tha leigheas na boillsg'
Ar n-aodach cho fìor-ghlan gun feum glanadh gu bràth
Pailm buaidh nar làmhan 's ainglean naomh leinn a' tàmh.

Gach sràid ann a' deàrrsadh, mar òr buidhe làn luath
Anns a' mheadhan rìgh-chathair, gu h-àrd togte suas;
Dia sìorraidh na shuidh' oirr', 's ag amharc le tlachd
Air an teaghlach a chruinnicheadh le piantan le làmh.

Ainglean 'g itealaich timcheall, a' dèanamh a thoil
Nuair tha anam dol dhachaigh tha iadsan nam boil;
An gàirdeachas briseadh a-mach ann an ceòl
Oir b' aithne dhaibh Crìosda mun do dh'fhàg e a ghlòir.

Cha tuig iadsan gu sìorraidh nì a dh'fhiosraich a shluagh
Bha iadsan riamh naomh is cha d' bhuin riutha truaigh';
Cha robh feum ac' air Slànaigheir, no òran binn ùr
Bha 'd riamh anns na Flaitheas mar ainglean na cùirt.

'S ma gheibh mise ann oisean aig deireadh mo là
Bidh mi taingeil is toilicht' air cùlaibh a' bhòid;
Gheibh mi nì nach do thoill mi 's nach do choisinn mi riamh
'S gheibh mi aoibhneas do-labhairt anns a' lànachd tha nìos.

Seinneadairean / Performers

Catrìona NicDhòmhnaill

Catrìona NicDhòmhnaill

Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd, 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theàrlaich, ...

Fiosrachadh air Catrìona NicDhòmhnaill / Learn more about Catrìona NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.