Ruidhleadh Cailleach Eachainn Mhòr / Somhairle agus Màiri Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath agus còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir a' Loch a Tuath and còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir agus sheatadh Seònaid!,
Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir agus sheatadh Seònaid!
Thuirt a' chailleach bha gu h-àrd ris a' chaillich air an làr,
"'S math a dhannsainn Jack a Tar ann an làithean m' òige."

Ruidhleadh cailleach Ceann na Coille, dhannsadh i mar chaillich eile,
Tha mo ladhran air am milleadh, chuir iad teine mòin' orr',
Ruidhleadh cailleach an Taigh Bhàin, gheàrr i figear air a sàil,
Bhuail i sgailleagan le làimh, "Suas e ghràidh," thuirt Seònaid.

Ruidhleadh cailleach Iain 'ic Dhùghaill, gùn oirre san fhasan ùr,
Ruith is leum is comh'r a cùil, 's cha do lùb i òrdag,
Ruidhleadh cailleach Taigh an Dùin, 's iomadh fear a ghabh a sùil,
Fichead clach ma bha i ùnns', 's cho sùbailte ri feòrag.

Sèist / Chorus

Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.
Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.

Somhairle cho meanmnach, aighearach is earbsach,
Bidh e moch is anmoch a' seanchas ri Màiri Bhàn.

Gheibh sinn air an t-Samhain seo banais a bhios ainmeil,
Ach thigeadh Iain Ailein is 's ann aige-san bhios Màiri Bhàn.

Seinneadairean / Performers

Còisir a' Loch a Tuath

Chaidh Còisir a' Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 ...

Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a Tuath

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.