Roinn an Fhearainn (O 'S ann Tha Na Diùlnaich Thall)

Òran air a sgrìobhadh le: Fionnlagh Moireasdan agus air a sheinn le: Na Siaraich.

This is a song written by: Fionnlagh Moireasdan and sung by: Na Siaraich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O 's ann tha na diùlnaich thall
Air an taobh ud dhen a' bheinn,
Fhuair iad fearann ann gun taing
Dhan luchd aingidh rinn am mealladh.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

'S chan eil neach san linn seo beò
Chuala cainnteanàs Lloyd George;
Gheall e fearann do na seòid
'S na thill beò dhiubh 's mòr an gearain.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

'S nuair a thuig na gillean còir
Gun robh 'n government fo sgleò,
'S nach robh gealltanas Lloyd George
Ach mar cheò a' falbh à sealladh.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

Chruinnich iad is fhuair iad pìob
Am port a chluich iad Morair Sìm;
'S cha robh gille bha san sgìr'
Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

Thàinig Raghnall le mòr uaill
Le each 's le ghunna dol mun cuairt;
'S gann gum bruidhneadh e le gruaim
Thug e an dualchas ud o sheanair.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

O mo bheannachd aig na seòid
Choisinn cliù am blàr na h-Eòrp';
Fearann aca nis le còir
Fhuair iad e a dheòin neo dh'aindeoin.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

Sguiridh mise nis dhem dhàn
'S e mo dhùrachd sibh bhith slàn,
Agus sabhail mhòra làn
Leis a' ghràn gu àrd nan sparan.
O 's ann tha na diùlnaich thall.

Seinneadairean / Performers

Na Siaraich

Na Siaraich

Thàinig Na Siaraich còmhla mar chòmhlan ann an 1973 agus ged a bha iad gu math soirbheachail agus a' còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd, sgaoil ...

Fiosrachadh air Na Siaraich / Learn more about Na Siaraich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.