Rìbhinn Bhòidhich Nach Toir Thu Gèill

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Fearghasdan agus air a sheinn le: an t-Urr. dòmhnall mìcheal macAonghais, An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais agus Murchadh Fearghasdan.

This is a song written by: Murchadh Fearghasdan and sung by: an t-Urr. dòmhnall mìcheal macAonghais, An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais and Murchadh Fearghasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A rìbhinn bhòidheach nach toir thu gèill dhomh,
'S nach dèan thu èisteachd le spèis rim chòmhradh;
Mo bheatha saoghalta gun saors', gun fheum dhomh
Mas e mo thrèigsinn a nì riut còrdadh.

D' ìomhaigh àlainn mar mhadainn Chèitein
'S a' ghrian ag èirigh air slèibhtean ceòthar;
Chan fhaca Adhamh an Gàrradh Èdein
Nas àill' na m' eudail am measg nan ròsan.

Dhutsa lùiginn bhith dlùth 'n àm èirigh,
Fad mo rèis bhithinn rèidh rid iarraidh;
'S tu cuspair m' àraich, 's tu leigheas m' eucail,
Iùil mo cheum, 's tu mo reul gu sìorraidh.

Nì aois an sgiamh tha nad ìomhaigh fhuadach
'S a h-uile dual tha nad chuailean a liathadh
Ach, och, mo chiats' dhut, cha chiar 's chan fhuaraich;
Bidh e, luaidh, dol nas buan gach bliadhna.

Seinneadairean / Performers

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Murchadh Fearghasdan

Murchadh Fearghasdan

'S ann à Port Mholair, am baile as fhaide a-muigh as a' Rubha, Leòdhas, a bha Murchadh MacCoinnich Fearghasdan, Murchadh Bhob. Rugadh e air 11 ...

Fiosrachadh air Murchadh Fearghasdan / Learn more about Murchadh Fearghasdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.