Ri Guaillibh a Chèile

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Mac Ille Ruaidh agus air a sheinn le: cameron macKichan, còisir àrd-sgoil loch abar agus Eàirdsidh Mac an t-Sagairt.

This is a song written by: Donnchadh Mac Ille Ruaidh and sung by: cameron macKichan, còisir àrd-sgoil loch abar and Eàirdsidh Mac an t-Sagairt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile
Faicibh a' tighinn iad 's faram nan ceuman;
Bratach na Gàidhlig tha nis air a sgaoileadh,
Clanna nan Gàidheal ri guaillibh a chèile.

Anns na linntean a dh'fhalbh le gnìomhachas treun,
Am briathran neo-mhearachdach innsear an sgeul,
Choisinn Clanna nan Gàidheal urram is cliù
Ri guaillibh a chèile a' gluasad gu dlùth.

Chaidh òrdugh Rìgh Sheumais a-mach anns an tìr,
An cànain 's an dùthchas a bhristeadh a sìos;
Ach sheas iad gu dìleas, is glèidh iad gu slàn
An còirichean dùthchail an aghaidh gach nàmh.

Tha cunnartan fhathast a' bagradh gu teann
Ar dùthchas 's ar cànain a chur bun os cionn;
Tha Ghàidhlig a' gearan 's ag èigheach gu cruaidh
Gu bheil cànain a' choigrich a' faotainn na buaidh.

A Chlanna nan Gàidheal gabhaibh earal san àm -
Bithibh dìleas d' ur dùthaich, d' ur cànain 's d' ur dream;
O glèidhibh an dìleab a thugadh dhuibh slàn,
Is deagh-chliù ur n-athraichean leanaibh a ghnàth.

Seinneadairean / Performers

Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Rugadh Eàirdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios, 1931. Bha a phàrantan le chèile à Ìle, athair, Eàirdsidh, à Bogha Mòr agus ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh Mac an t-Sagairt / Learn more about Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.