Puirt-à-beul: Ial, Ial, Ars a' Chailleach / Ille Bhàin / Na Trì Aonghais / Chuirinn Mo Ghiollan A Dh'Iomain Nan Caorach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: na seòid agus Rona Lightfoot.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: na seòid and Rona Lightfoot.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ial, ial, ial, ial, ial, ial, ars a' chailleach,

Ith am bò, thogaidh ò, ith am bò, ars am bodach.

Am pòs thu fhèin, am pòs thu fhèin, am pòs thu fhèin, ars a' chailleach,

Pòsaidh mi, pòsaidh mi, pòsaidh mi, ars am bodach.

Cò an tè, cò an tè, cò an tè, ars a' chailleach,

Tha thu fhèin, tha thu fhèin, tha thu fhèin, ars am bodach.

Cuin a thig thu, cuin a thig thu, cuin a thig thu, ars a' chailleach,

As a' mhionaid, as a' mhionaid, as a' mhionaid, ars am bodach.

Sèist / Chorus

Ille bhàin bidh do làmh air a h-uile maighdinn,

Bidh thu 'n cùl nan uinneagan a-muigh a h-uile oidhche.

Bidh thu muigh, bidh thu staigh, bidh thu air a' staighre,

Bidh thu as a 'bhrewery' is bidh thu san taigh-sheinnse.

Bidh thu falbh air do thòin gus an tig an samhradh,

Nuair a thig a' chuileag-bhuidhe thèid thu chun na h-allta.

Tha na trì Aonghais a' togairt dol a shuirighe,
Tha na trì Aonghais a' togairt dol air sràid,
Tha na trì Aonghais a' togairt dol a shuirighe,
'S mur a faigh iad duin' aig baile, cumaidh iad gu h-àrd.

Suirighichean, suirighichean, feadh a' bhaile timcheall,
Suirighichean, suirighichean, timcheall an àit;
Suirighichean, suirighichean, feadh a' bhaile timcheall,
'S mur a faigh iad duin' aig baile, cumaidh iad gu h-àrd.

O gur duine truagh mi, nach eil agaibh truas rium;
'S mios' e na gach buaireadh a bhuaileas mac màthar.
Chuir e na mo cheò mi, 's gann is duine beò mi;
Mulachan gun dòigh mi is spòrs air mo shàilleabh.

Co-dhiù bhithinn togarrach, co-dhiù bhithinn deònach,
Co-dhìu bhithinn togarrach air Raonaid no Seònaid;
A Rìgh nach robh fios agam gu cinnteach is dòigheil,
'S mi bhiodh sgiobalta air m' fhìrinn ga pòsadh.

Chuirinn mo ghiollan a dh'iomain nan caorach,

Chuirinn mo ghaol a dh'iomain nam bò.

Buachaille ghobhar thu, buachaille chaorach,

Buachaille laogh is buachaille bhò.

Chuirinn mo bhalachan shiubhal nan garbhlac,h
Chuirinn mo bhalachan shealg nam fireachan,
Chuirinn mo bhalachan shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo ghaol a dh'iomain nam bò.

Bheirinn an gunna dha, bheirinn an cù dha,

Seinneadairean / Performers

Rona Lightfoot

Rona Lightfoot

Rugadh Rona Lightfoot, Rona Eàrdsaidh Raghnaill, air 17 Giblean, 1936, agus thogadh i ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Rona Lightfoot / Learn more about Rona Lightfoot

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.