Pòsadh Piuthar Iain Bhàin

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir inbhich (Fir).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir inbhich (Fir).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

I hiù ro hò, i ho ro hò
Nis cuiridh mi luinneag an òrdugh dhuibh.
I hiù ro hò, i ho ro hò
Air pòsadh piuthar Iain Bhàin.

Nuair chaidh sinn a-mach ris na h-aonaichean,
Bha ceò, bha sneachda, bha gaoth againn,
'S bha sinne cho geal ris na faoileagan
Air pòsadh piuthar Iain Bhàin.

Nuair ràinig sinn urad bha an oidhche againn,
Taigh fada gun solas gun soills' againn,
Chan fhaigheamaid fiù na coinnlearan,
Bh' aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.

Ach marbhphaisg air an fhear-chiùil a bh' ann,
'S cha b' fheàrr dad idir an t-ùrlar a bh' ann,
Dol fodha gu ruige nan glùinean ann,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.

Am beagan a bha de na h-uaislean ann,
Chan itheadh iad nì le uaibhreachas,
'S mun tàinig a' mhadainn bu truagh leibh iad,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.