Pòsadh a' Phullaidh

Òran air a sgrìobhadh le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) agus air a sheinn le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

This is a song written by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) and sung by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).

Facail an Òrain / Song Lyrics

An cuala sibh naidheachd a thàinig dhan bhaile
A' chailleach 'n ath dhoras a' pòsadh Dimàirt,
Bodach beag greannach an t-sròin aig is car innt'
Briogais bhòlaisgean gheal air 's gun bonn na chuid bhròig.

Dh'inns i dhomh fhìn e mar phroposaig e dhìth-sa
Air madainn Dihaoine 's e bleoghann na bà,
Bha i 'g iarraidh a' bhainne an dèidh na coinneamh
Nuair thuirt e cho bonnail "'Von am pòs thu mi ghràidh?"

Thuirt i 's i sealltainn, "Tha fhios 'ad nach diùltainn"
'S rug i air cheann air is thug i dhà pòg,
Bidh veil orm mar banrigh a' slaodadh an làr
Is bidh thusa bhom ghàirdean when walking the aisle.

Ach thàinig a' latha is suas leòtha an rathad
Free Church of Scotland chiad stop aig na seòid,
Bha ise cho snasail le dreasa mhòr gheal oirr'
'S am bodach beag greannach le trusgan de chlòth.

'N dèidh an t-seirbheis dhol seachad chaidh iadsan sìos dhachaigh
An confetti tighinn thairis mar frasan na dròbh,
Na searbhantan cruinn ac' son riaghladh na bainnse
Le prais air gach slabhraidh 's gu leòr ann ri òl.

Ach thàinig an èigheachd na fhuair invitation
H-uile fear le thè fhèin suidhe timcheall a' bhòrd,
Ag ithe nan cearcan, rich tea is cream crackers
'S am bodach le acras 's e gal 's e fo bhròn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.