Òran Ùige (Àirigh Luachrach Ùige)

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: gillian nicChoinnich agus Seumas Caimbeul.

This is a song written by: Iain Dòmhnallach and sung by: gillian nicChoinnich and Seumas Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fhir a shiùbhlas do mo dhùthaich
'S ann à Uige dh'fhalbh mi,
Thoir beannachd dùbailt null gan ionnsaidh
Chosgas crùn de dh'airgead,
A dh'ionnsaidh Sheoc a tha san Ùige,
Ceann cunntaidh mo sheanchais,
Tha min dùil gu faic mi thu
Man tig an ùir air Armchul.

'S bu mhath an uair sin a bhith shuas
Air Àirigh Luachrach Ùige,
Far 'm biodh na h-uain 's na caoraich bhuaidheach
Ruith mun cuairt gu siùbhlach,
Mi fhìn 's mo chruinneag air mo ghualainn,
'S deamhais chruadhach dùinte aic,
Gach fear is tè dhiubh ruith mun cuairt,
'S bidh Dòmhnall Ruadh le chù ann.

B' e siud an gleann bu bhoidhche sealladh
Anns a' mhadainn cheòthach,
Le caoraich gheala, dhubh is ghlasa,
Cuid dhiubh tarrann, brògach;
Bidh làir an t-searraich 'n cois gach bealaich
Muigh ri srath nan lòntan,
'S a dh'aindeoin gaillinn neo fuachd Earraich,
Chan iarr mart ann cròdhadh.

Gu faighte sgeulachdan bhiodh brèagha
Aig bodaich liatha, cheannaghlas,
B' e siud na seòid nuair bha iad òg,
Gu iomain bhò measg gharbhlach;
Bhiodh iad tric san Eaglais Bhric
Ag iomain chruidh is mheanbh-sprèidh -
Cha drèidheadh snàithn' a chur mun spòig
Gu ruigte an ceò bhon d'fhalbh iad.

'S gur lìonmhor maighdeann bhanail, uidhe,
Bhios na suidhe aig cuibhle,
A' snìomh nan rollag, seinn nan luinneag,
Bidh gach tuireadh binn aic',
Snàithne bòidheach, cothrom, còmhnard,
Ruith tro meòirean sìnte,
Falt na dhuail os cionn a cluaiseadh,
Ceangailt' suas is cìr ann.

Chaidh na facail gu h-àrd a thogail bho chlàradh a rinneadh le Murchadh Chaluim Sheumais à Ròag san Eilean Sgitheanach do Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1957 agus tha sinn gu mòr an comain Cheana Chaimbeul air an son.

Seinneadairean / Performers

Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.