Facail an Òrain / Song Lyrics

Chan eil dùil a'm bhon fhuair mi ùin' air
Nach dèan mi cùisean a chur an leud;
Na làithean sunndach tha air mo chùlaibh
Nach fhaic mo shùil-sa nas mò dhiubh leus:
An uair a b' òg mi 's mi leum le sòlas,
Mun d' fhuair mi eòlas air bròn no sian,
Bidh siud an còmhnaidh a' tighinn nam chòmhdhail,
Gam fhàgail neònach is leòint' an ciall.

An uair a dh'fhalbhainn air oidhche reòta
'S an sneachda tòcadh, tighinn oirnn bhon tuath,
A' dol dhan mhòintich a chumail còmhdhail
Ri mac a' gheòidh ghlais, cha sòrainn fuachd;
Mi sna sgàthan air chùl nan àrd-chlach
Nam shìneadh sàmhach, 's nam làmh mo luaidh,
An uair chaogainn sùil ris an fhear nach diùltadh
An t-sradag shiùbhlach a stiùireadh luath.

An t-sradag mheanbh ud a' stealladh dearg
Dhan an deannan fheargach bha marbhteach dlùth,
Cha ghabh e rian a chur air le iarraidh -
B' e nàdar riamh bhi gun chiall gun tùr:
Air lasadh shìos dha san ionad dhìonach,
A-mach tro bhial ann am priobadh sùl;
'S ann leam bu mhiannach a bhith ga riaghladh
'S bhith leigeil sìos ris an teine cùil.

Ri oidhche reòthta 's an iarmailt còmhnard,
Gun mheall gun sgleò no gun sgòth gu h-àrd,
Na reultan bòidheach a' clisgeadh còmhla
'S a' ghealach ghlòrmhor na còta slàn,
Bu mhòr an sòlas leam fhìn bhith beò ann
Is agam seòrsa de bhreòcladh slàint',
'S mi dol an òrdan ri damh na cròice,
Is agam còir air an dòigh no dhà.

Na gleanntan uaine 's na beanntan fuara
A' freagairt shuas dha ri fuaim a bheòil,
Aig neart an fhùdair nuair las e sunndach,
Le sradaig chùil thàinig dlùth bhon òrd.
Bhiomaide 'n uair sin air chrith le uamhas
Gum biodh mun cuairt oirnn gu luath an tòir,
'S nan cuirte 'n sàs sinn air taobh nan àrd-chnoc
Gum biodh a-màireach glas-làmh mar dòrn.

An t-sealg 's an t-iasgach bha sinne dìon dhaibh
Am measg fuil is crèadh ann an sliabh na Fraing,
Cha bhlais ar bial-ne air sgath gu sìorraidh -
Tha laghan dèante nach fhiach sinn ann:
Ach dha na h-uaislean a bh' air a' chluasaig
'S a' phlangaid shuarach 's i suas mun ceann
Bhiomaide 'n uair sin a-muigh aig uamhas
'S am peileir luaidhe mar cluais le srann.

Ach tha mi 'n dòchas gun cùmhnar beò dhinn
Na thogas tòrachd is còir nam beann
An uair thig na fiùrain lem briogais-ghlùine
Nach deach a-null air ar cùl dhan Fhraing;
'N uair thig iad dlùth dhut dèan caog-an-t-sùil riu,
'S ged bhiodh ann triùir dhiubh na crùb do cheann,
Oir 's mòr an tàmailt, ma chluinn am bàrd e,
Gun d' theich fear Gàidhlig air sgàth nan Gall.

Ghillean, falbhaidh sinn fo ar n-armachd,
Gun eagal eanchainn toirt marbh nar ceum,
Chun nan àrd-bheann a shiubhal fàsaich,
'S bheir mise deàrrsach air damh an fhèidh.
'S ma thig na buachaillean tha gan uallach
Gu faigh iad uaigh ann am bruaich dhaibh fèin;
Thèid cabar ròigheil aig ceann gach seòid dhiubh
'S gun tràigh sinn stòp bho nach beò na dh'eug.

Seinneadairean / Performers

Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)

Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhàin. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach air oighreachd ...

Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.