Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
'S nach eil an cùrs a ghabh iad
Leis na rations a' tighinn rium.

Thug mi chard dhan Mhuileach
'S mi bha gus bhith air mo dhòigh
On bha mi nam chustomer
O linn a' chiad Rìgh Deòrs';
Chan fhaiceadh e aon dìth orm
Cho fad 's a bhiodh nì na Stòr
Gheibhinn pailteas tì bhuaidh'
Agus càise 's ìm gu leòr.

Choinnich mi mar chleachd mi e
An àit' a dhol dhan bhùth;
Ged bha càch a' cantainn rium
Nach fhaighinn dad co-dhiù;
Dh'iarr mi cairteal tì air
Cha b' e chleachd mi fhìn ach punnd,
Sheall e orm le mì-chiatadh
Is shìn e làmh dhan chùl.

Fhuair mi thì na dh'iarr mi
Agus seo a bhriathran beòil.
"Nì e cola-deug dhut,
'S ged nach dèan, chan fhaigh thu 'n còrr."
Cha b' fhiach leam càise iarraidh air
Ged gheibhinn e le deòin,
Bha cùram orm nach fhaicinn e
'N àm breith air às a dhòrn.

Ach 's ann bha sgeul na tubaist
Nuair a thàinig e Dimàirt,
'S gun bheag no mhòr a labhairt rium
'S ann shìn e dhomh mo chard;
Thuirt e "Faigh fear eile
Bheir nas pailte dhut a làmh;
Chan fhaic thu mi gu sìorraidh
Gus an crìochnaichear am blàr."

Cha b' e sin àm furasta
Mo choupons chuir air dòigh,
A h-uile fear gun tugainn iad
Ag ràdh "Cha ghabh mi 'n còrr.
Tha mi air nas urrainn mi
A tharraing à Tìr-mòr
'S chan eil morsel dhut-s' ann
O nach tug thu tràth do bhòt."

Ràinig mi Diciadain
Far robh Seumas Sheonaidh Bhàin
Coltas marsant' fialaidh air
'S ann bheirinn dha mo chard;
Thuirt e, "Chan eil sian agam
A dh'òrdaich Dia nan Gràs
Ach Lux is beagan siabainn
Anart-sìolaidh 's leth-chlach ghràin."

"Nan d' thug thu chard o thoiseach dhomh
Gu faighinn dhut gu leòr,
A chumadh ann an coltas thu
A dh'aindeoin gainn' a' Stòir;
Tha mi 'n-diugh air Gèirinis
A lìonadh leis gach seòrs,
'S gu bheil rian nan Rations
Air mo chiall a chuir an ceò."

Thill mi sìos glè airtneulach
'S mo cheum air fàs cho trom,
Chaidh mi far robh Cailean
'S mi gun srad a thogadh m' fhonn;
Dh'iarr mi ùnns thombac' air
Feuch an sìoladh e mo cheann
'S mi faicinn chuileag uaine
Leum mun cuairt dhìom bhos is thall.

Thuirt e rium, 's e 'g amharc orm,
"Cha bhuin thu dhuinne 'n-dràst'
Chan fhaic mi d' ainm 's na leabhraichean
On dh'fhalbh na seòid dhan bhlàr;
Tha tombac' gu leòr agam
Ìm 's dà sheòrsa càis;
Ach chan fhaigh thu làn na pìob
O nach do lìbhrig thu do chard."

Bha Iain Ruadh cho duilich
Gun robh h-uile rud cho gann
Gun d' thug Bean Dhòmhnaill Churaidh
Leath' an t-ùnns mu dheireadh ham;
Cha robh iasg no uinnean ann
Neo eadhon crogan jam,
'S nuair thug an Crìosdaidh siùcar dhomh
Gun d' shil mo shùil le taing.

Ach nuair thairg mi chard dha
Chuir e drèin air 's chrath e cheann.
"Ca' eil thu dol an-dràst' leatha
'S gun àit' agam dhith ann?
Chan fhaod mi dad a chlaimadh dhut
'S nach tàinig thu aig àm
Dh'upsetainn na h-arrangements
And the Nation's feeding plan."

Cò thachair rium ach Doddy
'S e air tilleadh às a' bheinn;
E feitheamh sgoth Chlann Chaluim
Feuch an tàinig dad a-raoir;
Bha dùil ris an Dunàra
'S fhad on dh'fhàg i Tìr nan Gall
Bha smùid an Loch a' Chàrnain
'S ged a bha, cha b' ise bh' ann.

Dh'innis mi fàth mo thurais dha
'S gun robh mo chuairt gun fheum,
Thairg mi dha mo choupons
Ma bha biadh aig air an rèir;
Thuirt e gun robh h-uile rud
"Nas gainn' an-diugh na 'n-dè!"
'S ged dh'fhaodadh e, nach b' urrainn dha,
Nach robh e ann dha fhèin.

"'S ged ghabhainn bhuat an leabhar
Chan eil gonag dhut sa bhùth
Chan fhaigh thu fiu na sausage
On nach d' chùm thu ris na rules;
'S ann dh'fheumas tu addresseadh
Agus registreadh as ùr,
'S nuair gheibh mi cead Lord Woolton
Bheir mi dhut na bhios tu due."

Ged ruiginn Taigh Mhic Cuithein
Cha bhi aig ach an ràn,
"Chan fhaod mi dad a chumail riut
'S e gann gu leòr do chach!"
'S ann chì mi Bean a' Phoileasmain
'S cha bhodraig i ri card
Ach gheibh mi tin "Maconnachaidh"
'S cha do dh'fhiach thu riamh nas fheàrr.

Nuair chuimhnicheas mi m' amaideachd
'S na chuireadh orm de mhaill
An dùil gu faighinn rations
On bha chard agam gun taing;
Nis a' tilleadh dhachaidh
'S mi gun fiù a' sgadain shaillt,
O b' fheàrr gun robh mi 'n-dràst'
Còmhl' ri càch 's na Faroe Isles.

O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò, gur mis' a tha gun sunnd
'S nach eil an cùrs a ghabh iad
Leis na rations a' tighinn rium.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Rugadh Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, Aonghas Iain a' Mhuilleir, air 7 Samhain 1918, ann an Lionacleit, ann am Beinn na Fadhla, an dara duine ...

Fiosrachadh air Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein / Learn more about Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.