Òran na h-Iolaire

Òran air a sgrìobhadh le: tormod macLeòid agus air a sheinn le: Anna Mhoireach agus fiona nicChoinnich.

This is a song written by: tormod macLeòid and sung by: Anna Mhoireach and fiona nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair dh'fhuasgail sìos na ròpan aice
'S a sheòl i às a' Chaol
'S e 'n Iolaire bu bhòidhche
Dh'aindeoin luasgan muir no gaoth
Is iomadh òigear fuasgailt'
Bh' innt' an uair ud nach do shaoil
Cho goirid 's a bha chuairt
'S am beagan uairean as an t-saoghal.

Chaidh a h-uile nì cho fàbharach
Gun tàinig meadhan oidhch'
Nuair bhuail i air na creagan grannd'
A bha neo-bhàidheil greann
Is fhuair an Iolaire buille bàis
'S a ràin a' tighinn bho com
'S ged bha fearann làmh riutha
Rathad teàrnaidh cha robh ann.

Cha b' fhada sheas a' chliathaich aic'
Ri biastan biorach Thuilm,
'S an Iolaire chaidh i sìos leotha
'S an oidhch' bha fiadhaich dorch
B' e siud an sealladh cianail
Aig ceudan ghillean calm'
Bha strì rim beatha dhìon
Ann am measg siantanan is stoirm.

An oidhch' ud ann an Steòrnabhagh
Gun chruinnich mòran sluaigh
A' feitheamh ris an òigridh
A bha seòladh thar a' chuain
Bha peathraichean 's bha bràithrean
'S pàistean beag gun ghruaim
Bha athraichean is màthraichean
Chum fàilt orr' chur san uair.

Mo chreach, mo chreach 's a thàinig
Chaidh an gàirdeachas gu tùrs'
Mun d' dh'èirich grian a-màireach
'S iomadh gàirdean bha gun lùths'
Chaidh fios air feadh gach àite
Gun robh 'n àrmann ris robh dùil
Air cladach tìr an àraich
Air am bàthadh anns a' ghrunnd.

Seinneadairean / Performers

Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.