Òran na Cloiche

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) agus air a sheinn le: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).

This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) and sung by: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà,
Hill i em bo ruaig thu i, hill i em bo hà;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

A' Chlach a bha mo sheanmhair
's mo sheanair oirre seanchas,
air tilleadh mar a dh'fhalbh i -
Mo ghalghad a' Chlach!
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

'S gur coma leam i 'n Cearrara,
no Colbhasa no 'n Calbhaidh,
Cho fad 's a tha i 'n Albainn
nan garbhlaichean casa;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Ga cur an àite tearmainn,
a chumas i gu falachaidh,
'S nach urrainn - nach dearg iad -
air sgealb dhi thoirt às!
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

A' Chlach a chaidh a dhìth òirnn
air faighinn às an ìnean,
's gu deimhinne ma thill i
tha 'n nì sin gu math.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

'S mo bheannachd air a' mhìlidh
a tharraing às a' chill i,
'S a dh'aiseag, tha mi cinnteach,
i mìltean a-mach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

A' Chlach a bha sna linntean
a' fantainn aig ar sinnsreadh
bhon thàinig i dhan tìr seo
an tìm nam fear breac.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

'S i measail ann bho ìslean
gu ridirean is rìghrean,
tha 'n-diugh nan laighe 'n I
mar a dh'innseas an leac.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Mionnan air fear deàrnaidh,
gach màthair is mac,
nach leig sinn ann an gàbhadh
am fear a thug à sàs i,
's a mhiontraig air a teàrnadh
à àite gun tlachd.

Ma chuireas iad an làmh air
chan uilear dhuinn bhith làidir
is buille thoirt air a thàilleabh
le stàillinn a-mach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

'S bha 'm Ministear cho tùrsach
sa mhadainn nuair a dhùisg e,
's praban air a shùilean
a' tionndadh a-mach.

E coiseachd feadh an ùrlair,
ag ochanaich 's ag ùrnaigh,
's a' coimhead air a chùil
anns an d' ionndrainn e chlach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Sin far an robh stàrachd
's an ruith air feadh an làir ann,
gun smid aige ri ràitinn,
ach "càit 'n deach a' chlach?"

'S "a Mhoire, Mhoire Mhàthar,
gu dè nì mis' a-màireach?
Tha fios 'am gum bi bhànrighinn
a' fàgail a beachd.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Gun tuirt e 's dath a' bhàis air,
"Cha chreidinn-sa gu bràth e
gun togadh fear bho làr e
nach b' àirde na speach;

Tha rudeigin an dàn dhomh,
's gun cuidicheadh an t-Àgh mi.
Bha 'n duine thug à sàs i
cho làidir ri each."
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

'S cha ruitheadh e ach lùigeadh,
bha luigheanan a' lùbadh,
bha crith a' tighinn na ghlùinean,
's e tionndadh cho lag;

Chan fhaiceadh e le shùilean,
chan fhaigheadh e fo mhùigean,
le corrag no le lùdag
an dùdach no 'n glag.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Ach ràinig e na diùidich
a' burralaich 's a' bùirich,
"Tha breitheanas a' dlùthadh òirnn,
Spùilleadh a' chlach;"

'S bha Sasann air a dùsgadh,
's an cathair air a rùsgadh,
's oileadhag mu na diùnlaich
a ghiùlain a' chreach;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Earraidean gu siùbhlach
a' farraid feadh na dùthcha,
bho Ghlaschu gu Diùraidh,
bho Mhùideart gu Peairt,

'S cha leig iad bàrr an dùirn
a dhol seachad air an sùilean,
cha leig iad inneal-ùilidh,
no brùid air 'm bi cairt.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Tha deasaich agus tuathaich
a' ceileireadh gu h-uallach,
air mhire leis an uamhar
gun d' fhuair sinn a' chlach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Nuair thàinig i à Èirinn
bha cantanas ma dèidhinn,
gum fanamaid ri chèile
ma ghlèidh sinn a' chlach.

'S na faigheamaid le rèit' i
cha rachamaid san èirig,
's ann againne bha reusan
bhith 'g èigheach "Mo chreach!"
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.

Ach b' ain-deonach an ceum leoth' e,
's b' annasach leam fhèin e,
's e barrantas an treud ud
gach seud thoirt a-mach;

Ged ghealladh iad lem beul e,
cha dèanadh iad da rèir sin;
An car a bha sa Bheurla
gur lèir do gach neach.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna de dh'aois is chaidh ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.