Òran na Briogais

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul agus air a sheinn le: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil agus Seumas Caimbeul.

This is a song written by: Iain Caimbeul and sung by: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil and Seumas Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fhuair mi briogais de mhoilsgin
'S bha i saor mar bu chòir dhith bhith,
Tà, cha robh i ro bhòidheach
Ann an dòigh thèid mi ràdh ribh;
On a chroch mi i chiad uair
Gus an deach i na h-iallan
Cha robh latha sa bhliadhna
Nach robh i 'g iarraidh a càradh.

Nuair a chaidh mi ga ionnsaidh
Thuirt am marsanta riumsa
Bheir mi dhut cunnradh
Briogais ùr ghlan on tàilleir;
Bheir dhomh trì is sia sgillinn
'S gu dè 's fheàrr dhut na sineach,
Ged nach maireadh i mionaid dhut
Bhiodh i guinea aig càch ort!

Chreid mi 'n uairsin a bhriathran
'S dùil nach innseadh e breugan,
'S chuir mi null dha na dh'iarr e
Ged nach b' fhiach i ach pàirt
Dhen na thug mi seachad
'S nach robh ann ach an t-ainm dhith,
Niste chunna mi 'm bargan
Nuair bha mi searbh dhith ga càradh.

Siud a' bhriogais bha daor dhomh
Mar a thuigeas na daoine
Bha mi sàs innte daonnan
'S iomadh aon thug dhomh snàthad;
Eadar phutan is aodach
Is pìos a dhìth oirre daonnan,
Bha i not tha mi smaointinn
Eadar saothair is càineadh.

Chan eil feum a bhith cantail
Na bhith 'g innse mar thachair,
Tha mo bhriogais-sa seachad
'S cha robh i math, tha mi 'g ràdh ribh!
Nuair a thug mi i dhachaidh
Bha gach aon rium a' cantail,
'S i tha brèagha san dath
Agus "Meal is caith i!" ars àsan.

Saoil an urrainn dhomh innse
Mar a ghiorraich i m'inntinn
h-uile là agus oidhche
'G iarraidh pìos gus a càradh;
Nuair a chromainn no dhìrinn
Chluinninn sracadh gu h-ìseal
Gus na dh'fhàs mi cho sgìth dhith
'S thug mi dìreach dhan cheàird i.

Seinneadairean / Performers

Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san ...

Fiosrachadh air Gillebrìde Mac Ille Mhaoil / Learn more about Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul, mac Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, ùghdar Òran na Briogais, air Taobh a Deas Loch Baghasdal air 5 Cèitean, 1908. Tha ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.