Òran Mòr Sgoirebreac

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Carol Nic a' Bhreatannaich agus Seonag NicLeòid.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Carol Nic a' Bhreatannaich and Seonag NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thograinn, thograinn bhith dol dhachaigh
E hò rò, e hò rò
Gu Sgoirebreac a' chruidh chaisfhinn
E hù hì rì il iù ò
Hì iù o thograinn falbh.
Gu Sgoirebreac a chruidh chaisfhinn
E hò rò, e hò rò
Ceud soraidh bhuam mar bu dual dhomh
E hù hì rì il iù ò
Hì iù o thograinn falbh.

Ceud soraidh bhuam mar bu dual domh
Gu taigh mòr MhicNeacail shuas ud
Far am bu tric a shuidh na h-uaislean
Rìgh Seumas a Còig 's a shluagh ann
Na cuairtearan glana suairce.

Cuspair an Òrain - Clann 'ic Neacail agus Rìgh Seumas V

A rèir beul aithris bha triath Chloinn 'ic Neacail a' fuireach ann a' Sgoirebreac nuair a thàinig "na cuairtearan glana suairce", Rìgh Seumas V sa chuideachd, air chuairt dhan Eilean Sgitheanach anns a' bhliadhna 1540. Thàinig iad air tìr aig Creag a' Mhòr-shluaigh air taobh Sgoirebreac de bhàgh Phort Righ.

Dh'fhàg an Rìgh agus a chuideachd Dùn Èideann aig toiseach an Ògmhios 1540, le cabhlach de dhusan bàta agus sheòl iad gu tuath, suas taobh an ear an dùthcha. Chaidh iad gu ruige Arcaibh, an t-Eilean Sgitheanach, oirthir Rois agus Ceann Tàile, Eilean Cholla, Tiriodh, Muile is Eilean I. Thadhail iad cuideachd an Eilean Arainn agus am Bòid mus do chuir iad crìoch air an cuairt an Dun Bhreatainn.

Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaotainn mu chinn-feadhna "Chloinn 'ic Neacail a' bhrochain 's nam potagan eòrna", mar a chanadh Sgitheanaich eile riutha, gu ruig sinn an dara fear deug, Dòmhnall, a bha na mhinisteir Easbaigeach an Cille Mhoire san dàrna leth dhen t-seachdamh linn deug.

Tha sealladh eile air Sgoirebreac ri fhaighinn ann an òran a rinneadh nuair a phòs Calum, mac Dhòmhnaill, nighean le MacLeòid Ratharsair:

Ceud soraidh bhuam fhìn gu m' eòlas
Gu Sgoirebreac am bi chòisir,
Gu talla farsaing Chloinn Dòmhnaill,
Gu taigh mòr an ùrlair chòmhnaird
Far am faighte fìon ri òl ann
À cupannan donna bheòil bhòidhich;
Miosaran 's truinnsearan feòdair
'S amar bruithidh an eòrna,
Deoch cho làidir 's thig on Òlaind.
'S b' aithne dhomh fhìn beus bu dual dhut
'S beus dhe d' bheus bhith suirghe ghruagach
'S ag cur nan geall, leat bu bhuadhar,
'S gheibhte siud an taigh an uasail
Bhi 'g òl fìon à pìosan fuara
'N taigh mòr farsaing, 's ùrlar sguabte,
Ruighleadh ubhal sìos is suas air.

Seinneadairean / Performers

Seonag NicLeòid

Seonag NicLeòid

Rugadh Seonag Chaimbeul, ann an Còrnal, ann a' Ròdhag anns an Eilean Sgitheanach, air 26 Sultain, 1920, a nighean a b' òige aig Calum Sheumais ...

Fiosrachadh air Seonag NicLeòid / Learn more about Seonag NicLeòid
Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.