Òran Hiortach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus còisir sgìr' a' bhac.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain and còisir sgìr' a' bhac.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Inn ala oro i, o inn al ala
Inn ala oro i, uru ru-i uru ru-i
Inn ala oro i, o inn al al a.

Tha fleasgach anns a' bhaile seo
Ris an can iad Dòmhnall
'S ged gheibheadh e an saoghal
Gu saothraichadh e mòine.

Ged a bhithinn a' bruidhinn riut
'S a' briodas riut an còmhnaidh
Cha tugadh tu na h-uighean dhomh
Nuair shuidheadh tu Didòmhnaich.

'S truagh nach robh mo leannan
Ann an ìochdar Leac na Gàdaig
Acfhainn air a smioradh oirr'
Is mise bhith gu h-àird oirr'.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.