Òran do MhacLeòid Dhùn Bheagain

Òran air a sgrìobhadh le: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clàrsair Dall) agus air a sheinn le: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghàidhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain agus Ùisdean MacRath.

This is a song written by: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clàrsair Dall) and sung by: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghàidhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain and Ùisdean MacRath.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mias a mhulaid tha 'm thadhal
dh'fhàg treaghaid am chliabh co goirt,
on a rinneas air m' adhart
ad dheaghaidh an triall gun toirt;
tha mise ort an tòir,
is mi mios gu robh còir agam ort,
a mhic athar mo ghràidh,
is tu m' aighear, 's tu m' àgh, 's tu m' olc.

Chaidh a' chuibhle mun cuairt,
ghrad thionndaidh gu fuachd am blàths:
gum faca mi uair
Dùn ràtha nan cuach 'seo thràigh,
far 'm biodh tathaich nan duan,
iomadh mathas gun chruas, gun chàs:
dh'fhalbh an latha sin uainn,
's tha na taighean gu fuaraidh fàs.

Tha Mac-alla fo ghruaim
anns an talla 'm biodh fuaim a' cheòil
'n ionad tathaich nan cliar,
gun aighear, gun mhiadh, gun phòit,
gun mhire, gun mhùirn,
gun iomartas dlùth nan còrn,
gun chuirm, gun phailteas ri dàimh,
gun mhacnas, gun mhànran beòil.

Chaidh Mac-all' às an Dùn
an àm sgarachdainn duinn ri 'r triath,
's ann a thachair e rium
air seacharan bheann is shliabh;
labhair esan air thùs:
"Rèir mo bheachd-sa gur tu mas fìor,
an seo chunnaigheas air mhùirn,
Roimh 'n uiridh, an Dùn nan cliar."

"A Mhic-talla nan tùr,
's e mo bharail gur tu 'n sea bha
ann an talla nam fiann,
ri aithris air gnìomh mo làmh."
"Ta mi 'm barail gur mi,
's gum bu deacair dhomh bhith 'm thàmh,
'g èisteachd brosluim gach ceòil
ann am fochar MhicLeòid an àigh."

"Is mi Mac-alla bha uair
'g èisteachd faram nan duan gu tiugh,
far am bu mhùirneach am beus
an àm dùbhradh don ghrèin san t-sruth;
far am b' fhoirmeil na seòid,
iad gu h-òrganach, ceòlmhor cluth:
ge nach fhaicte mo ghnùis
chluinnte aca san Dùn mo ghuth.

An àm èirigh gu moch
ann an teaghlach gun sproc, gun ghruaim,
chluinnte gleadhraich nan dos,
's an cèil' air a cois on t-suain:
an tràth ghabhadh i làn,
is i chuireadh os àird na fhuair
le meòir chionalta ghnìomhach,
dhrithleannach dhìonach luath.

Bhiodh an rianadair fèin
cur a dh'fhiachaibh gur h-e bhiodh ann,
's e 'g èirigh nam measg
's an èighe gu tric na cheann;
cha bu truagh leinn an glaodh
nuair a thuairgneadh e i gu teann,
cur a thagradh an cruas
le h-aideachadh luath is mall.

An tràth chùirte na tàmh i
le furtachd na fàrdaich fèin,
dhomh-sa b' fhurast' a ràdh
gum bu chuireideach gàire nan teud,
le h-iomairt dhà-làmh
cur am binnis do chàch an cèill:
Rìgh, bu shiùbhlach rim chluais
an lùthadh le luasgan mheur.

"Anns an fheasgar na dhèidh
an àm teasdadh don ghrèin tràth-nòn,
fir a' cnapraich mun chlàr
is cath air a ghnàth chur leoth';
dà chomhairleach gheàrr
gun labhairt, ge b' àrd an glòir,
's a Rìgh, bu tìtheach an guin
do dhaoine gun fhuil, gun fheòil.

"Gheibhte fleasgaich gun ghràin,
cuir ri macnas gun sgràth, gun fhuath
is mnài fhionna 'n fhuilt rèidh
cur an grinnis an cèill le stuaim;
an dèidh ceilearadh beòil
dannsa oileanach òrdail suas,
le fear-bogha nan còir
chumail modha ri pòr an cluas.

A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n do thàr mi m' iùl,
's ann a-nis dhuinn as lèir
gu bheil mise 's tu fèin air chùl.
Rèir do chomais air sgeul,
on 's fear-comainn mi fèin is tu,
'n robh do mhuinntireas buan
ris an droing d' am bu dual an Dùn?

"Bho linn nan linntean a bha mi
Mar aonduine tàmh sa chùirt
's theireadh iomadh MacLeòid
nach b' uireasbhaidh eòlais duinn;
ach na fhasadh gun fheum
chan fhaca mi fèin bho thùs
ri fad mo chuimhne-sa riamh
gun taighteir, gun triath an Dùn.

Ach on ràinig thu aois
tha ri ràitinn gur baoth do ghlòir:
chan e fasadh a th' ann,
ged a tha e san àm gun lòd;
air taighteir 's beag fheum
is òg-thighearna fèin na lorg,
's e ri fhaotainn gun fheall
cur ri baoith ann an ceann luchd chleòc.

Ach tillidh mise gu d'chainnt,
On a b'fhiosrach mi anns gach sìon:
Gur tric a chunnacas gill òg
Bhith gun uireasbhaidh stòir no nì;
's gum biodh a bheachd aige fhèin
'n uair a cheann'cheadh e feudail saor,
A dh'aindeoin caithinnich dha
nach b' eagal da làmh nam maor.

Ach cha b' ionann a bha
do na fir sin 's a tha Mhac Leòid:
ann an sonas 's an sìth,
gun uireasbhaidh nì no lòin;
ann an daor chùirt nan Gall,
ged tha thoil fuireach ann ri bheò-
tighearn' Eilg is Chlàr Sgìth,
cha b'eagal da dìobhail stòir.

Ach 's ionann sin 's mar a bha,
's soilleir chithear a bhlàth air bhuil:
bho nach lèir dhaibh an call,
miad an dèidh air cùirt Ghall cha sguir,
gus an togar don Fhraing,
a dhol ann an geall na chuir;
siod an niosgaid a' fàs
air an iosgaid 's a cràdh na bun.

Thèid seachd trusail air dhàil
air each crudhach as gàirmhor srann;
diallaid làsdail fon tòin;
's mòr gum b'fheàirrd' e srian òir na cheann.
Fichead ginidh, 's beag fhiach,
gun tèid siud a chur sìos an geall;
cha tèid peighinn dha 'm feum,
's bonn cha ghlèidhear dha 'n dèis a chall.

An uair a thig e bhon rèis
thèid e dh'iomairt ri bèist air glac,
's mur tig làmh 'sam bi feum,
gun caill e an leum gu grad;
mas iad dìsnean a mhiann,
bheir e thairis h-aon-diag mu seach,
's ged a chailleadh còig ciad,
fire faire, 's beag fhiach am mairt.

Còig ginidhean òir -
gun tèid siud ann an còrd d' an aid;
uiread eil' oirre fèin -
faire, faire, 's math feum gu spaid;
's a' ghrabhata nach saor -
gur punnd Sasannach i gun stad,
air a chunntadh air clàr
dh' an ionntas gun dàil am fad.

Thèid luach mairt no nas mò
'm paidhir stocainn den t-seòrsa 's feàrr,
is cha chunntar an còrr,
ducatùn air dà bhròig bhuinn àrd;
clachan criostail 's math snuadh
ann am bucaill mun cuairt gun smàl;
siod na gartain a suas
air dà thastan 's an luach 'nam bàrr.

Thig e mach às a' bhùth
leis an fhasan as ùr bhon Fhraing,
's an t-aodach gasda bha 'n dè
ma phearsa le spèis nach gann
thèid a shadadh an cùil -
"Is dona 'm fasan, chan fhiù e plang.
Air màl baile no dhà
glac am peana 's cuir làmh ri bann."

Cha bhi 'm pèids' ann am meas
mur bi eudach am fasan chàich;
ged chosd e ginidh an t-slat -
gheibhear siod air son mart sa mhàl;
uiread eile ri chois,
gun tèid siod ann an casag dhà,
's briogais bheilibheid mhìn
gu bhith gabhail mu ghaoith a mhàis.

Cha bhi 'm pèids' ann am prìs
's e gun snàithe dha dhìth ach cleòc;
giort a' chlaidheimh cha b'fhiach,
's bu chùis athais ceann iarainn dò:
crios dealbhach on bhùth,
bogh' chinn airgid is biùgail òir-
's fheudar faighinn sin dà:
's thig air m' fhearann-sa màl nas mò.

An uair a thilleas e rìs
a dh' amharc a thìre fèin,
'n dèis na mìltean chur suas,
gun tig sgrìob air an tuath mu sprèidh,
gus an togar na mairt
'n dèidh an ciùradh 's an reic air fèill:
siud na fiachan ag at,
gus am fiarach ri mhac 'na dhèidh.

Thèid Uilleam Màrtainn a-mach
glè stràiceil air each 's e triall-
is co àrd e na bheachd
ris an àrmann a chleachd bhith fial;
cha ghlacar leis crann,
cas-chaibe na làimh cha b'fhiach,
's e cho spaideil ri diùc,
ged bha athair ri bùrach riamh.

Thoir teachdaireachd uam
le deatam gu Ruaidhri òg,
agus innis da fèin
cuid d'a chunnart giodh e Mac Leòid;
biodh e 'g amharc 'na dhèidh
air an Iain a dh'eug 's nach beò:
gum bu shaidhbhir a chliù,
is chan fhàgadh e 'n Dùn gun cheòl.

A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n robh gràdh nan cliar
an triath tighearnail theann
is an cridhe gun fheall na chliabh -
ghabh e tlachd dha thìr fèin,
's cha do chleachd e Dùn-Èideann riamh;
dh'fhàg e 'm bannach gun bheàrn
's b'fheàrr gun aithriseadh càch a chiall.

Seinneadairean / Performers

Ùisdean MacRath

Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhàthair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gàidhlig a' ...

Fiosrachadh air Ùisdean MacRath / Learn more about Ùisdean MacRath
Alma Kerr

Alma Kerr

'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do ...

Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...

Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.