Òran do Mhac Eòghainn Fìdhleir

Òran air a sgrìobhadh le: Eòghainn MacNeacail (Eòghainn Fìdhleir) agus air a sheinn le: Màiri Anna NicUalraig.

This is a song written by: Eòghainn MacNeacail (Eòghainn Fìdhleir) and sung by: Màiri Anna NicUalraig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S daor a cheannaich mi 'n Tòiseachd
'S chan e na dh'òl mi den bhraiche,
Cha b' e cutter an Òbain
Na bha 'n Steòrnabhagh a ghlac thu,
Ach a' mhuir a fhuair còir ort
Mar a dh'òrdaich am facal
Chan iongnadh mise bhith brònach
Nach deach am fòd a chuir glas ort.

Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
Gura tùrsach tha m' aigne;
Tha mo chraobh an deis lùbadh
Chaill mi 'n fhiùran 's an gasan;
Chaill mi m' aighear 's mo shòlas
Chaill mi spòrs mo dhibhearsain,
'S o nach faic mi gu bràth e
'S e 'm fear bàn thug an fhras orm.

Bu tu 'm fìdhleir 's tu 'n dannsair
'S bu mhòr do gheall air na cairtean;
Cas a' ghearradh na leum thu
Làmh bu treun air a' chloich thu;
Cluiche bhuill cha bu cheàrr thu
'S bu luath làidir air faich' thu
Is cha ghath saiream ga ràdhtainn
'S gura càch bha gad fhaicinn.

Dol a chlachan Didòmhnaich
Gum bu bhòidheach do shealladh;
Lèine reibhleas 's an òrdugh
Agus còta chlò breac ort,
Briogais ghrinn chòrdoroi
Mar sin is brògan bha snasail
Siud an naidheachd a leòn mi
Nach tig an t-òigfhear ud dhachaigh.

'S cha robh thu ri eucoir
Ri streupa na ri carachd;
Chan fhacas fear air a leum thu
Air fèill no aig baile;
'S bha thu foghainteach reusant'
A rèir fhad 's a dh'fhan thu,
Ach cha chluinn mi nochd d' èigheachd
'S tu fo bheuc ghil na maradh.

Bu leatsa beannachd do chàirdean
Moch is tràth na do leabaidh,
'S cha do chuir thu oirnn nàire
'S cha mhotha dh'fhàg thu ac' masladh;
Cha robh siud na do nàdar
'S ann a bha thu ro mhacant'
'S gheibhte sgeula na b' fheàrr ort
Nam biodh dàil ort na b' fhaide.

Thig a-nist agus èist rium
'S gheibh thu 'n sgeul ud an ceartuair;
Bheir mi comhairle Dhè dhut
A tha leughadh an t-soisgeil.
Bha Rìgh Daibhidh na èiginn,
'S a mhac fhèin a' cur crois air
Ach ged bha, bha e deurach
'S e ri eucoir le lapan.

Seinneadairean / Performers

Màiri Anna NicUalraig

Màiri Anna NicUalraig

Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...

Fiosrachadh air Màiri Anna NicUalraig / Learn more about Màiri Anna NicUalraig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.