Òran do dh'Iain Breac MacLeòid

Òran air a sgrìobhadh le: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clàrsair Dall) agus air a sheinn le: eilidh nicCoinnich, alexandra m nicThòmais agus Eilidh NicChoinnich.

This is a song written by: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clàrsair Dall) and sung by: eilidh nicCoinnich, alexandra m nicThòmais and Eilidh NicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mòran mòran mulaid
An dèidh tuineachadh am chom:
Gur bliadhna leam gach seachdain
O nach facas Iain donn;
Nan cluinninn ged nach faicinn
Fear do phearsa thigh'nn don fhonn
Gu sgaoileadh mo bhròn 's m' airsneal
Mar shneachd òg ri aiteamh trom.

Sèist / Chorus

Their mi hò ro gheala beag
'S na hò ro chalan hì
Their mi hò ro gheala beag
'S na hò ro chalan hì.
Chalan hì ho hù ra bhò
'S na hò ro chalan hì
Gur fada bho na tràthan sin
Nach robh mo ghràdh san tìr.

A luchd comuinn seo nan èisdeadh sibh
Ri cuid de m' sgeul gun mheang,
'S mi caoidh an uasail bheadarraich
Tha bhuam an fheadh-s' air chall:
Cha robh cron ri fhaotainn ort
Ach thu bhith faoilidh ann,
On fhuair mi gu h-ùr èibhinn thu
'N Dùn Èideann am measg Ghall.

Thug mi ionnsaigh fhada
Às do dhèidh 's mi 'n cladach cruaidh,
Thug mi ionnsaigh bhearraideach
Sa chamhanaich Diluain:
Cha d' fhuaras an t-òg aigeantach
Bu mhacanta measg sluaigh,
'S chan fhaodainn a' mhisg àicheadh
'S do dheoch-slàinte dol mun cuairt.

Thug mi ionnsaigh sgairteil
Às do dhèidh an cladach doirbh;
Ged nach tug mi capall leam,
Na h-agair mi na lorg;
Gu robh mo choiseachd athaiseach,
'S an rathad a bhith dorch',
Le breislich mhic-nan-cliathan,
'S do làmh fhial' ga dhìoladh orm.

Fhir seo tha mi 'g iomradh ort,
Gad ionndrainn uam tha mi;
Sròn ardanach an fhiùghantais,
Cha b' fhiù leat a bhith crìon;
Nan cluinninn fèin gun tigeadh tu,
Fhir chridhe, dh'fhios nan crìoch,
Gun òlainn do dheoch-slàinte,
Ge do phàighinn i, de fhìon.

Beul macanta ciùin ràbhartach
'N uair tharladh tu 's taigh-òst',
A dh'fhàs gu seirceil suairce,
Gaol nam ban 's nan gruagach òg;
'S iomadh maighdeann cheutach
A bha dèidheil air do phòig
Lem b' ait bhith cunntadh sprèidhe dhuit,
'S a deaslàmh fèin le deòin.
Cha robh fuath no greathachd ort,
Ri t' amharc bha thu caoin,
Saighdeir foinnidh flathail
Air an gabhadh gach neach gaol;
Euchdach treubhach urramach
Bha 'n curaidh glan gun ghaoid,
Gu fearail meanmnach miosail,
Air nach faighte 'n tiotail claon.

Saighdeir fearail fuasgailteach,
Fear cruadalach gun mheang;
Ceann-feadhn' air thùs na brataich e,
Ga taisbeanadh san Fhraing;
Thig airm a rèir a phearsa
Air an laoch bu sgairteil greann;
Nuair dh'èireadh àirde lasrach ort,
'S mairg chasadh riut san àm.

Thig claidheamh socrach stailinn duit
Den t-seòrsa 's fearr sa bhùth,
'S e fulangach o bhàrrdheis
Gu ruig a cheannbheart dùirn;
Faobhar air a' gheurchruaidh sin
Nach gabhadh leum no lùb;
Lann air dhreach na daolaig,
'S i air taobh deas-làimh mo rùin.

Is iad siud na h-airm a thaghainn duit,
'S tu 'n deaghaidh an ratreut:
Paidhear dhag nach diùltadh
Agus fùdar gorm dan rèir;
Do ghunna an dèidh falmhachaidh,
'S tu marbhtach air an treud,
Anns an làimh nach greagarra,
'S tu leantainn às an dèidh.

Is fhada leam an còmhnaidh seo
Th' aig Eòin am measg nan Gall;
Cha ghiorra leam an oidhche
Bhith ga chuimhneachadh gach àm;
Dh'fhaoiltichinn nam faicinn thu
Tigh'nn seachad anns a' ghleann –
Cha ghabhainn fhèin bonn fàilteachais
Ged ghlacadh tu mo gheall.

Còrr agus trì ràithean
Tha thu 'd chadal sàmhach uam
Gun d' fhaicinn on a dh'fhàg thu sinn
'S ar cridhe ghnàth fo ghruaim;
A-nis on thug thu cùl rium
'S a laigh smùirnean air ar gruaidh
Mar sholas an dèidh dorchadas
Tha Tormod mar bu dual.

'S e Tormod òg mo shubhachas
Air bhuidheachas Shìol Leòid:
Mas mac an àit' an athar thu,
Thig fhathast gu bhith mòr
Anns an Dùn gu flathail
'N robh do chinneadh roimhe beò,
Mac ratha dhùisgeas èibhneas dhomh -
Le aighear thrèig mi bròn.

Ma thuirt iad ogha Thormoid riut
B' i siud an fhoirmfhuil ghlan;
Ma thuirt iad iar-ogh' Ruaraidh riut
B' i 'n àrdfhuil uaibhreach mhear;
'S ogha Eòin gun truailleadh
A thug suairceas air gach neach;
Mac an fhir nach b' fhuathach leam
An nochd thog suas mo ghean.

Seinneadairean / Performers

Eilidh NicChoinnich

Eilidh NicChoinnich

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...

Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.