Òran do dh'Ameireaga (A' Choille Ghruamach)

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Ceana Chaimbeul, donnchadh heads agus Seumas Greumach.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Ceana Chaimbeul, donnchadh heads and Seumas Greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gu bheil mi 'm ònrachd sa choille ghruamaich
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn;
Fhuair mi 'n t-àite seo 'n aghaidh nàdair,
Gun thrèig gach tàlanta bha nam cheann;
Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann
Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
Chaill mi Ghàidhlig seach mar a b' àbhaist dhomh
Nuair a bha mi san dùthaich thall.

Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh
Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
'S e mheudaich bròn dhomh 's a lughdaich sòlas
Gun duine còmhl' rium a nì rium cainnt.
Gach latha 's oidhche 's gach car a nì mi
Gum bi mi cuimhneachadh anns gach àm
An tìr a dh'fhàg mi bha 'n taic an t-sàile,
Ged tha mi 'n-dràst' ann am bràighe ghleann.

Chan iongnadh dhomh-sa ged tha mi brònach,
Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nambeann,
Am meadhan fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gun dad as fheàrr na buntàta lom.
Mun dèan mi àiteach 's mun tog mi bàrr ann
Is a' choille ghàbhaidh chur às a bonn
Le neart mo ghàirdein gum bi mi sàraichte,
Is treis air fàilinn mum fàs a' chlann.

Is i seo an dùthaich sa bheil an cruadal
Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
A rinn len tuairisgeul ar toirt ann.
Ma nì iad buannachd cha mhair i buan dhaibh;
Cha dèan i suas iad 's chan iongnadh leam,
Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.

Bidh gealladh làidir ga thoirt an tràth sin,
Bidh cliù an àite ga chur am meud;
Bidh iad ag ràdhtainn gu bheil bhur càirdean
Gu sona saidhbhir gun dad a dh'èis.
Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-sa
Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh;
Ma thig sibh sàbhailt, nuair chì sibh iadsan,
Chan fheàrr na stàtachan na sibh fèin.

An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh
Is ann leis na breugan a nì iad feum,
Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
Is an cridhe a' dìteadh na their am beul.
Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
Gach nì as prìseile tha fon ghrèin;
An uair thig sibh innte gur beag a chì sibh
Ach coille dhìreach toirt dhuibh an speur.

An uair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachd a' dlùthadh ri cùl nan geug,
Is gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
Is ge math an triùbhsair cha dèan i feum
Gun stocainn dhùbailt sa mhocais chlùdaich
Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
B' e am fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.

Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich
Gum faigh mi reòite mo shròn 's mo bheul,
Le gaoith a tuath a bhios neimheil fuaraidh
Gum bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha an reothadh fuathasach, cha seas an tuagh ris,
Gum mill e a' chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blas di, gum brist an stàilinn,
Is gun dol don cheàrdaich cha gheàrr i beum.

An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein
Bidh teas na grèine gam fhàgail fann;
Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
A bhios fo èislean air feadh nan toll.
Na mathain bhèisteil gun dèan iad èirigh
Dhol feadh an treud, is gur mòr an call:
Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.

Gun dèan i m' aodann gu h-olc a chaobadh,
Chan fhaic mi an saoghal, 's ann bhios mi dall;
Gun at mo shùilean le neart a cungaidh,
Ro ghuineach drùidheach tha sùgh a teang'.
Chan fhaigh mi àireamh dhuibh ann an dànachd
Gach beathach gràineil a thogas ceann;
Is cho liutha plàigh ann 's a bha air Rìgh Phàro
Airson nan tràillean, nuair bhàth e an camp.

Gur h-iomadh caochladh tighinn air an t-saoghal
'S ro-bheag a shaoil mi nuair bha mi thall;
Bu bheachd dhomh 'n uair sin mun d' rinn mi gluasad
Gum fàsainn uasal nuair thiginn nall.
An car a fhuair mi cha b' ann gum bhuannachd
Tighinn thar a' chuain air a' chuairt bha meallt'
Gu tìr nan craobh anns nach eil an t-saorsainn,
Gun mhart, gun chaora, 's mi dh'aodach gann.

Gur h-iomadh ceum anns am bi mi an dèislàimh
Mun dèan mi saidhbhir mo theachd an tìr;
Bidh m' obair èigneach mun toir mi feum aiste,
Is mun dèan mi rèiteach airson a' chroinn:
Cur sgonn nan teinntean air muin a chèile
Gun do lasaich fèithean a bha nam dhruim,
Is a h-uile ball dhìom cho dubh a' sealltainn,
Bidh mi gam shamhlachadh ris an t-sùip.

Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgead,
Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
Ma geibhear cunnradh air feadh nam bùthan
Gum pàighear null le flùr no ìm.

Chan fhaic mi margadh no latha fèille
No iomain feudalach ann an dròbh,
No nì nì feum dhuinn am measg a chèile:
Tha an sluagh nan èiginn sa h-uile dòigh.
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbhfhaich,
A' reic na shealbhaicheas iad an còir;
Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air
Ga chur don phrìosan mur dìol e an stòr.

Mun tig na cùisean à taigh na cùirte,
Gun tèid an dùblachadh aig a' mhòd;
Tha an lagh a' giùlan o làimh na jury
Gun tèid a spùinneadh 's nach fiù e an còrr.
Bidh earraid siùbhlach air feadh na dùthcha
Gan ruith le cunntasaibh air an tòir;
Gur mòr mo chùram gun tig e am ionnsaigh:
Cha ghabh e diùltadh 's bidh diùbhail oirnn.

Chan fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn seo,
Cha dèan mo nàdar a chur air dòigh
Gach fios a b' àill leam thoirt do mo chàirdean
'S an tìr a dh'fhàg mi, rinn m' àrach òg.
Gach aon a leughas e tuigibh reusan,
'S na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòsd;
Na faidhean breige a bhios gur teumadh,
Gun aca spèis dhuibh ach dèidh ur n-òir.

Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh
Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
'S mun tugainn dhuibh e le cainnt' mo bheòil.
Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh
Bhon 's èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
Air bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo
Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.

Cha b' e sin m' àbhaist an tùs mo làithean,
Is ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd,
Gu cridheil sunndach an comann cùirteil
A' ruith ar n-ùine gun chùram oirnn.
An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
Air moch Diardaoin a' dol seach an caolas
Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs.

Seinneadairean / Performers

Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaidh as an robh ceòl agus òrain ...

Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.