Òran an Ròin

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: An t-Urr. Uilleam MacMhathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: An t-Urr. Uilleam MacMhathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi 'm ònar a-raoir.

'S mairg san tìr seo, 's mairg san tìr
'G ithe dhaoine 'n riochd a bhìdh;
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
Goil air teine gu cruaidh cruinn.

'S mise nighean Aoidh mhic Eòghainn,
Gum b' eòlach mi mu na sgeirean;
Gur mairg a dhèanadh mo bhualadh
Bean uasal mi o thìr eile.

Thig an smeòrach, thig an druid
Thig gach eun a dh'ionnsaigh nid;
Thig am bradan thar a' chuain
Gu Là Luain cha ghluaisear mis'.

Cuspair an Òrain

Bha e na chleachdadh an Uibhist a Tuath agus an àitichean eile a bhith a' dol a shealg ròn mu dheireadh an fhoghair, oir bhathas gan cur gu feum an iomadh dòigh. Bhite ag ithe na feòla, agus a' cur ola ròin agus an craiceann gu feum cuideachd.

Anns an leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair (Oliver and Boyd, Dùn Èideann, 1938) a sgrìobh e mun bhàrd Iain MacCodrum à Uibhist a Tuath, tha an sgoilear ainmeil Uilleam MacMhathain ag ràdh gu robh mòran de sheann sgeulachdan an Uibhist a Tuath mu ròin agus an dàimh a bha aca ri Clann 'ic Codrum gu h-àraidh. Clann Mhic Codrum nan Ròn, mar eisimpleir, a chante ris an daoine dom buineadh am bàrd.

Bha e air a ràdh gur e clann Righ Lochlainn fo gheasaibh a bh' anns na ròin agus tha Uilleam MacMhathain ag innse mar a thachair seo a rèir beul-aithris.

"A rèir na sgeòil bha droch mhuime aca a bha ag eudach riutha airson an uaisle agus an àilleachd agus 's e rinn i a dhol a dh'ionnsachadh na sgoile duibhe fad sheachd latha is sheachd bliadhna. Thill i an sin dhachaigh 's chuir i mar gheasan 's mar chroisean orra nach b' iasg 's nach b' ainmhidh iad gu bràth, 's gum biodh am miann-mara gu tìr 's am miann-tìre gu muir fhad 's a bhuaileadh tonn ri tràigh. Bha e sa sgeulachd aig feadhainn gum biodh cruth a' chinne-daonna a' tighinn orra trì uairean sa bhliadhna sa bhliadhna aig làine na gealaich."

Agus tha Uilleam MacMhathain cuideachd ag innse sgeulachd a tha a' dol leis an òran seo.

"Bha gillean òga aon uair a' sealg ròn air Haisgeir. Mharbh iad mòran agus bha iad ag obair fad an latha a' leaghadh saill nan ròn a bu mhotha. An uair a thàinig an oidhche ghabh iad a-steach dhan bhothan a bh' aca agus thòisich iad a' deasachadh ròin airson am bidh. An sin chuala iad guth tiamhaidh a' seinn a-muigh air sgeir."

Agus b' e seo an t-òran a bh' aig a ghuth.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Uilleam MacMhathain ri fhaighinn ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.

Seinneadairean / Performers

An t-Urr. Uilleam MacMhathain

Rugadh an t-Urramach Uilleam MacMhathain air 25 Lùnastal, 1910 ann an Solas, Uibhist a Tuath, a' chiad mhac de dhithis aig Calum MacMhathain agus a ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Uilleam MacMhathain / Learn more about An t-Urr. Uilleam MacMhathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.