Òran an Ospadail

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacNeacail (Dòmhnall 'an Shomhairle) agus air a sheinn le: Ailig MacNeacail (Ailig Nèill).

This is a song written by: Dòmhnall MacNeacail (Dòmhnall 'an Shomhairle) and sung by: Ailig MacNeacail (Ailig Nèill).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mise seo glè ìseal
Nam shìneadh san ospadal
Tha rudeigin air m' inntinn
Nach innis mi do choigreach;
Ach nuair bhios mi leam fhìn
Nì mi dìcheall air choireigin
Air faclan dheth a sgrìobhadh
A dh'innse mar ghonadh mi.

Chaidh mi staigh ann air Dihaoine
'S mi smaoineachadh nach tillinn às
Thug iad mi do sheòmar taobh
Bha naomhachd de chloinn-nighean ann.
Chuir iad mi air bòrd beag, caol,
Is shlaod iad sin a' bhriogais dhìom;
Gu dè 'd a dhèanadh tusa, laoich,
Rin taobh, gun aodach idir ort?

'S a' chailin thug a-bhàin mi
Mo ghràdh oirr', bu mhilis i,
Bha fios aic' air gach càil
A bhiodh ceàrr air na fireannaich.
Nuair dh'fhairichinn-sa an cràdh
Chuireadh i làmhan air m' imleag;
Is ged a bha mi ris a' bhàs
Gun d'rinn mi gàir ri Iseabail.

Mo bheannachd buan dhith fhad 's a ghluaiseas
I mun cuairt an theatre;
'S i thogadh m' aigne-sa fo ghruaim
An uair a bhiodh i bruidhinn rium.
Tha làmhan mar shneachd nam bruach,
An uair is fuar a bhios iad,
Toirt faochadh dhòmhs' anns gach uair;
A luaidh, cuir orms' a-rithist iad!

Ach dh'fhalbh iad sin leam air a' bhòrd
Do sheòmar nam fireannach;
Mar bhàt' an ceò, gun ràmh, gun seòl,
Mo chnàmhan 's m'fheòil, bha crith;
Thuirt nighneag òg le facal spòrs
"A Dhòmhnaill, a bheil fios agad,
Mur dèanar tròcair ort, a sheòid,
Cha bhi thu beò ach mionaidean!"

Thug mi sùil bheag shìos is shuas
Mun cuairt orm san ospadal.
Bha ceann air uachdar a h-uile cluasag -
Truaghanan mì-fhortanach!
Bha cuid 's na casan ac' am bruan
'S iad uairean falbh air chroitseachan;
Bha cuid nan suain sa chadal bhuan
Nach gluais gu falbh an coidse leotha.

Ach tacan as an àite sin
'S ann thàinig an lighiche.
Creidibh mise, chàirdean,
'S e làn dhuine sgileil bh' ann.
Gun d'rug e air mo làmh
'S gun do dh'fhàisg e leth-mionaid i;
Bha fios aige mar bha
Nach robh fàillinn sa chridh' agam.

Chuir e làmhan air a chùlaibh
Thionndaidh e is bhruidhinn e.
Phriob e shùil is thuirt e riumsa
Cheart cho ciùin ri ministeir,
"Chaidh innse dhomh gun toigh leat leann
'S gun gabh thu smùid car bitheanta,
Ach nuair a ghearras mi do bhrù,
Chan òl thu drùdhag idir dheth!"

'S chuir iad clobhd mu m' bheul 's mu m' shròin
Bha òthrais tighinn a-nis orm.
Dh'fhalbh mo thùr 's mo lùths bhuam còmhla,
'S air a' chòrr chan fhiosrach mi.
Ach dh'aisling mi bhith 'n àite neònach
'S an robh tòrr de theineachan;
Is ged nach robh mi ann an glòir
Bha eòlaich tighinn a bhruidhinn rium!

Seinneadairean / Performers

Ailig MacNeacail (Ailig Nèill)

Rugadh is thogadh Ailig MacNeacail, Ailig Nèill, ann a' Stafainn timcheall air 1910/12. Coltach ri mòran de cho-aoisean, chaidh e gu muir ach dh'fhuirich e air tìr ...

Fiosrachadh air Ailig MacNeacail (Ailig Nèill) / Learn more about Ailig MacNeacail (Ailig Nèill)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.