Òran an Eagail

Òran air a sgrìobhadh le: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) agus air a sheinn le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim) agus gillian nicChoinnich.

This is a song written by: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) and sung by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim) and gillian nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill u h-ullaill ò
Gheòbhradh bho ho h-ith-il-an.

Gur h-e mis' tha fo mhulad
Tha leann-dubh air mo shàrachadh
Ann an Eilean Dubh Phabaigh
'S beag a th'agam-s' a dh'àbhachd dheth;
Nuair a bhios mi gun mhòine
A' tional òtraich nam bàghannan
Gur h-i feamainn na ceilpe
Bhitheas a' goil a' bhuntàta dhomh.

Geamhradh fad' air bheag cuideachd
'S e thug buileach droch shnuadh orm,
M' àite còmhnaidh 's mo thuineach
Dlùth air tulach nan uaghannan;
Nuair a chiaras am feasgar
Bidh an t-eagal gam chuairteachadh,
Chan fhalbh mis' gun mo bhata
'S car na m' amhaich mum buailear mi.

Mu nì 'n cuilean dubh dranndan
Their a' chlann rium an cuala tu?
Their a bhean le guth fann rium
Las an lamp o 's e fuath a th' ann.
Bheir mis' an sin grad leum
As a' chathair gu bruailleanach,
M' fheòil air chrith air mo chnàmhan,
Leigeil "Pharaoh" ga fhuadach bhuainn.

'S thèid an doras a chrannadh
Le barantas dùnaidh air,
Clach eòrna fir Liongaidh
Chur gu h-ìosal ri lùdagan;
Sparrar iarann is maidean
Ghabhadh seachnadh ri chùlaibh-san
'S gus an tèid i na bòrdaibh
Cha tig bòcain ar n-ionnsaidh-ne.

Gu bheil Teampuill an t-sagairt
Air an starsnaich 's cùis uamhais e
Le chrois Phàpanaich fhèin
Chuireadh geimh air na fuamhairean;
Air a' bhinneag na seasamh
O nach leig sibh gu luath dhuinn i!
'S nach i bh' aig Seònaid Nic Phàice
Gu dèanamh fàisneachd nan gruagaichean.

'S ann timcheall ormsa tha 'n gàrradh
Cha tig beàirn air 's gun leumainn i
Cha tuit clach gu là bhràth dheth
'S daingeann làidir an stèidheadh e,
'S gad bhiodh cabhlach na Bànrighinn
'S iad gu h-àrd-cheannach brèid-ghealach
'S fheudar stad air a chùlaibh
Tillidh smùid Druim na Bèist iad.

Eilean lomarra fuaraidh
Eilean gruamach gun tioraileachd
Eilean leth-oireach truagh e
Nuair thig fuachd is droch shiantan ann;
Chì thu 'n fhairge na gleanntan
Tighinn mar bheanntannan iargalta
'S bidh mi suathadh mo chluasan
Mam buail e air fiar chugam.

'S mi nach iarradh an sealladh
A bhi 'g amharc nan cìosanaich
Staigh bho Hàisgeir nan ròn
A-mach bho shròn Rubha Grìminis
'G èisdeachd fuaim Garrai Grànda
Nall o Bhàlaigh cha bhinn leam e
'S gob Rubha Ròsagaidh 'm Pabaigh
Far nach stadadh an drìleachan.

Chuireadh roimhe Ban-Leòdach
Air fògradh dhan àite seo,
Rinn i luinneag is crònan
Chuir air dòigh ann am bàrdachd dhuinn;
Bhiodh i 'g gearan a cluasan
Iomadh uair 's cha bu nàir' dhith e
'G èisdeachd gàirich a' chuain
Bha cho cruaidh ris na tàirneanaich.

Tha e soilleir ri dhearbhadh
Gun do mharbhadh na ciadan ann
Le gaoth thioram a' Mhàirt
Bheireadh an àird bho an t-siabann iad;
Is chan iarrainn mar cheàird
Bhi gan àireamh air lìonmhorachd
Gum bu chianail am fàgail
Tighinn am bàrr gun an tiodhlaiceadh.

Thoir an t-soraidh uam thairis
Gu talamh nam frìtheannan
Far an cinneadh a' mhaigheach
'S na daimh chabrach nam mìlteanan;
Eilid chaol nan cas fada
Ann an gleannan na sìth-bhruthain
Far am faodadh an sealgair
Spòrs an anmoich bhi cinnteach dha.

'S am bradan seang far an fhìor uisg
Bhios a' dìreadh gu luath-chleasach
Ann an linneachaibh lùbach
Ghlinne chùbhraidh nam fuaranan;
B' fhearas-chuideachd do dh'inntinn
A bhi strì aig na bruachannan
Slat is streang aig a' fulang
Gus an tugadh e' n uachdar air.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shàim, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mànais ann am Bàigh na Hearadh, air ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.