Òran an Ainm Dithis de Nigheanaibh Iain Mhic Eachainn

Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: gillian nicChoinnich.

This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: gillian nicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Cia b' e dhèanamh mar rinn mis',
Bu mhisde e gu bràth,
Dhol don bheinn an aghaidh m' inntinn,
Mhill e orm mo shlàint';
Pàirt de m' acain, Brà'theach Mheircein,
'S àit' gun mharcaid e.
Ach spàin is copraich, 's bàthach fosgailt',
'S gràine shop ri làr.

Chan eil seòmar aig Rìgh Bhreatainn,
'S taitnich' leam na 'n Càrn,
Oir tha e uaignidheach do ghruagaich,
'S nì e fuaim 'n uair 's àill;
Feur is coille, blàth is duille,
'S iad fo iomadh neul,
Is is echo, mar na teudan,
Seirm gach tèis as feàrr.

'S barail leamsa gun do chaill sibh,
Air na rinn sibh chàis;
Dhol do shliabh, gun chùr, gun chliathadh,
'S nach robh biadh a' fàs.
B' fheàrr bhith follaiseach an Galladh
Na bhith 'n comunn ghràisg,
Le deatach connaidh air mo dhalladh
Làimh ri balla fàil.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.