Òran an AI

Òran air a sgrìobhadh le: Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) agus air a sheinn le: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

This is a song written by: Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) and sung by: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S rud annasach, rud iongantach 's mìorbhail e gu dearbh.
Laoigh gam breith sa bhaile seo aig crodh nach b' aithne tarbh,
'S mar shìos air a' mhachair uan no gamhainn bhon a' chaol,
Thèid fios a chur gu h-aithghearr gu bodach stuth a ghaoil.

Thig esan dhomh cho beadarach 's cho èasgaidh ri fear-bainns',
A dhèanamh gnìomh an athair air staran no aig faing,
'S gu sgiobalt' bidh a sheacaid dheth 's le cuideachadh bho làmh,
'S mus can thu slige chreachan ris bidh bhò aige an dail.

Ach ochan tha rud cunnartach san fhasan nach eil faoin,
Cuir eagal air a h-uile fear gun teann e am measg dhaoin',
'S gun tèid a' laogh a suidheachadh 's a h-èigheachd measg an t-sluaigh,
Gach leanabh, mic is bò, ach a' chuid dhiubh a bhios ruadh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.