Òran a' Ruahini

Òran air a sgrìobhadh le: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) agus air a sheinn le: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).

This is a song written by: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) and sung by: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha balaich thapaidh, làidir aig Harland anns an nèibhidh,
'S gur ann air a' Ruahini a chuir e a' chuid bu treun dhiubh,
'S ged bha innte Sasannaich bha amaideach is èibhinn,
Bha mòran innt' bhon Ghàidhealtachd is innsidh mi gu lèir iad.

Bha Iain Ruadh 's Dòmhnall Phòisean innt', Munro is Mackay,
Bha Uibhistich is Sgitheanaich, 's bha biastan innt' às Àrnol,
Bha Sùid is Tomaruis innt', is Iain Con chan fheum mi fhàgail,
'S esan a head waiter a bha innt' sa mhain bar.

Tha Siarach eile còmhla rinn is cha bu choir dhomh fhàgail,
Maraiche cho tapaidh is cho math 's a tha sa bhàta,
Ach feumaidh gun do ruagadh iad gu luath air falbh bhon t-àite i,
Oir 's aithne dha an t-seòladaireachd 's cha bhruidhinn e mòran Gàidhlig.

'S e Siarach tha na lamp-trimmer 's gu h-ìosal gheibh thu a ghnàth e,
'S a' four-peak is fallas air, cho greannach ris an t-Sàtan,
Ach feumaidh sibhse a thuigsinn gur e maraiche e bu nàdar,
Bha sheanair 'n eathar Bhràgair 's mar sin chan fheum mi chàineadh.

Ach cluinnidh mi sa mhadainn e 's an cadal na mo shùilean,
Ri 'g èigheachd anns an alleyway 'na rinn sibh fhathast dùsgadh',
Sinn a dhol dhan toiseach aic' is faighinn bucaid Ùidsidh,
An toirt chun an drochaid agus nighe gach taobh dhith.

Ach ged nach d' rinn a suidseadh bho thaobh-s' sinn a thàlaidh,
Gur ann a tha rud mallaicht' ann nuair thig iad le na h-awnings,
Tha wirichean is canvas gan teannachadh an-àirde,
'S ann sgìth a bhios a h-uile fear mus fhaighear air an spàrr iad.

'S e h-uile fear bhios toilichte nuair gheibhear iad an-àirde,
Gach lanyard air an teannachadh le snaidhmeannan bhios àraid,
Ach 's ann a bhios 'n dibhearsain ann nuair thilleas i 's gach àirde,
'S nach fhosgail snaidhm na caillich ach le sgian bhios mar an razor.

A-nise Iain Shiaboist na biodh ort-sa tàmailt,
Ged chuir thu snaidhm na caillich dhuinn air haiyardan na h-awnings,
Bhon 's e thuirt an sgiobair is e coimhead orr' an-àirde,
Nach eil e furast' aithneachadh g' eil maraichean an Àrnol.

Ach cha b' ann an eathar Bhràgair no ann an nèibhidh Harland,
A dh'ionnsaich thus' an t-seòladaireachd bho d' òig' ach air an àirigh,
'S greis nuair bha thu nad bhalach còmh' ri boireannaich an àite,
Le crocanan de shiamanan gu feuragan air àirigh.

Ach chuala mise naidheachd a tha duilich leam bho dh'fhàg sinn,
Nuair ruigeas sinne dhachaigh g' eil an land-trimmer gar fàgail,
Gu bheil e ri dol dhachaigh còmh' ri muinntir eil' an àite,
Thoirt a bheò-shlàint' anns an talamh leis a' spaid is leis a' ghràpa.

Ach canaidh cuid a bhalaich rium gu bheil e dol Dhùn Èideann,
A faicinn 'm faic e 'n comataidh a th' air a' Chomunn Ghàidhealach,
A dh'fheuchainn ach an gabh iad e nach chleasaich' air an stage,
Oir dannsaidh agus seinnidh e cho math ri Betty Grable.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.